Suas ri 75,000 bradan mu sgaoil à tuathanas-èisg ri linn milleadh stoirme

Tha an tuathanas-eisg san Linne Dhubh ann an Loch Abar
- Air fhoillseachadh
Chaidh mu 75,000 bradan mu sgaoil an uisgeachan na Linne Duibh an Loch Abar an dèidh mar a rinn Stoirm Amy milleadh air tuathanas-èisg.
Thuirt a' chompanaidh Mowi gu bheil an cuid rannsachaidh a' sealltainn gun tug a' ghaoth làidir air acairean gluasad agus gun deach lìon làn iasg a reubadh aig an làraich a th' ann an loch-mara.
Tha dragh ann gum faodadh an t-iasg a fhuair mu sgaoil droch bhuaidh a thoirt air bradain fhiadhaich agus àireamhan dhiubh sin air tuiteam.
Thuirt BPA a' Phàrtaidh Uaine airson na Gàidhealtachd 's nan Eilean, Ariane Burgess: "Ma tha bradain a chaidh àrach agus iasg fiadhaich a' sìolachadh, tha sin a' lagachadh na tha den fheadhainn fhiadhaich."
Thuirt a' bhuidheann chathrannais WildFish Scotland gun robh iad cuideachd le dragh mu fhiadh-bhradain agus bradain bho thuathanasan-èisg a bhith a' briodadh còmhla.
Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad airson a bhith ag obair còmhla ri buidhnean glèidhteachais agus coimhearsnachdan airson dèanamh cinnteach gum biodh àrach èisg "seasmhach agus soirbheachail" san àm ri teachd.