STV fo chasaid droch-stiùireadh ionmhais an cois plana cur às do phrògram naidheachd

Suaicheantas STVTùs an deilbh, SNS
Fo-thiotal an deilbh,

Tha STV airson sàbhalaidhean luach £2.5m a dhèanamh ron ath-bhliadhna

  • Air fhoillseachadh

Thathar a' cur às leth cheannardan STV nach robh iad a' ruith na companaidh ceart a thaobh ionmhais an dèidh dhaibh innse gun tèid 60 cosnadh a ghearradh agus gun tèid cur às do phrògram naidheachd airson ceann a tuath na h-Alba.

Tha iad a' moladh prògram a dhèanamh à Glàschu seach am prògram a thathar a' dèanamh an-dràsta an Obair Dheathain.

Tha buill-phàrlamaid Albannach a bha gan ceasnachadh aig Holyrood air innse dhaibh gu bheil na planaichean aca a' dèanamh dimeas air cultar an ear-thuath 's gum bu choir dhaibh beachdachadh às ùr orra.

Chualar cuideachd bho riochdairean nan aonaidhean-ciùird a thuirt gun robh na planaichean gun chiall agus gun deach co-dhùnaidhean a dhèanamh gun smaoineachadh ceart orra.

Thuirt àrd-oifigear STV, Rufus Radcliffe, gun robh iad a' dèanamh an dìchill obraichean a dhìon agus a' chompanaidh craolaidh a chur air bun-stèidh nas seasmhaiche.

Tha STV airson sàbhalaidhean £2.5m a dhèanamh taobh a-staigh bliadhna an dèidh call £200,000 sna ciad shia mìosan de 2025.

Tha STV airson atharrachadh a thoirt air a' chùmhnant 10 bliadhna a thòisich san Fhaoilleach airson ceadan cheann a tuath agus ceann a deas na h-Alba

Tha an riaghladair Ofcom ag ràdh gu bheil iad a' còmhradh le STV mu na h-atharrachaidhean a tha iad a' sireadh.

Dh'fhaodadh nach cuir a' bhuidheann-faire taic riutha, gun gabh iad riutha gu tur neo gun cuir iad air adhart molaidhean eile.

Chan eil cumhachd aig Ofcom ge-tà na h-obraichean a dhìon neo a bhith ag ràdh gum feum STV leantainn orra a' cleachdadh stiùidio Obair Dheathain.

Tha dùil gun tòisich iad co-chomhairle air a' ghnothach a dh'aithghearr.