Sampallan Chovid gan giùlain le drònaichean
- Air fhoillseachadh

Às dèidh deuchainn soirbheachail chaidh am pròiseact a leudachadh gu barrachd de sgìre Earra-Ghàidheal is Bhòid.
Tha drònaichean a-niste gan cleachdadh airson sampallan Chovid agus uidheam-deuchainne a ghiùlain ann an cuid de sgìrean de dh'Earra-Ghàidheal is Bòd.
'S e seo a' chiad turas a chaidh a leithid a dhèanamh anns an Rìoghachd Aonaichte.
An dèidh deuchainn air Diluain, chaidh am pròiseact, a tha stèichichte san Òban, a leudachadh gu barrachd den sgìre.
Faodaidh luchd-obrach an NHS seirbheisean dròna iarraidh mar a tha iad a dhìth, agus tha e comasach dhaibh sùil a chumail air na càrgothan 's iad air an slighe.
Fhuair a' chompanaidh dròna Skyports cead bho Ùghdarras na h-Itealanachd Sìobhalta airson na seirbheis.
Anns a' chiad dol a-mach, bidh an t-seirbheis a' frithealadh ospadalan agus ionadan-slàinte san Òban, Ceann Loch Gilb, Clachan Shaoil agus Creag an Iubhar.