Ceathramh Bun-sgoil Ghàidhlig ann an Glaschu

  • Air fhoillseachadh
Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu
Fo-thiotal an deilbh,

B' e Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu a' chiad sgoil Ghàidhlig sa bhaile-mhòr.

Dhearbh Comhairle Baile Ghlaschu gu bheil iad a' cuir maoineachadh ri dealbhachadh airson bun-sgoil Ghàidhlig ùr a chruthachadh ann an Glaschu, an ceathramh sa bhaile mhòr.

'S ann ann an Calton, air taobh sear a bhaile a' bhios i.

Thàinig seo as dèidh co-chomhairleachadh air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig sa bhaile an-uiridh.

Tha foghlam tro mheadhan na Ghàidhlig ri fhaighinn ann an trì bun-sgoiltean eile ann an Glaschu ach seo a' chiad tè air taobh sear a' bhaile.

Chaidh an togalach clàraichte Bun-sgoil Naomh Sheumais sa Chalton, a thogail aig deireadh an 19mh linn, ach chaidh a dùnadh ann an 2009 is i ann an droch staid.

Thèid na milleanan a-nis a' chosg gus leasachadh a dhèanamh air an togalach.

Dh'aontaich comhairlichean Diardaoin, is iad a' beachdachadh air leasachaidhean foghlaim air feadh Ghlaschu, airgead a chuir ri ceithir sgoiltean uile gu lèir.

Thuirt cathraiche an fhoghlaim, an comhairliche Chris Cunningham gun robh e a' dèanamh fiughair ri ath-bheothachadh fhaicinn air togalach na seann sgoile.