HC-One a' reic dhachannan-cùraim

  • Air fhoillseachadh
Dachaigh-cùraim Home Farm
Fo-thiotal an deilbh,

B' ann le HC-One a bha dachaigh-cùraim Home Farm ann am Port Rìgh gus an deach a gabhail thairis le NHS na Gàidhealtachd

Dh'innis a' chompanaidh chùraim HC-One, aig a bheil grunn dhachannan-cùraim air a' Ghàidhealtachd 's anns na h-eileanan, gu bheil iad an dùil 10 de na dachannan aca ann an Alba a reic.

B' ann le HC-One a bha Dachaigh-cùraim Home Farm ann am Port Rìgh, far an do bhàsaich deichnear den luchd-còmhnaidh às dèidh sgapadh de Chovid-19 an-uiridh.

Chaidh sin a ghabhail thairis le NHS na Gàidhealtachd san t-Samhain.

Tha Blàr Buidhe ann an Steòrnabhagh agus Castle Gardens ann an Inbhir Ghòrdain am measg nan dachannan a tha iad an dùil a reic.

Tha 57 dachaigh-cùraim aig HC-One ann an Alba.

Thuirt Rùnaire Aonadh an GMB ann an Alba, Gary Mac a' Ghobhainn, gun robh plana HC-One cuid de dhachannan a reic a' peanasachadh luchd-obrach às dèidh bliadhna uabhasaich, is pandemic Covid-19 fhathast a' leantainn.

Thuirt neach-labhairt bho HC-One gum biodh na dachannan a tha iad am beachd a reic na b' fheàrr fo smachd ionadail - ach nach biodh dachaigh sam bith air a reic gus am biodh iad le cinnt gun robh companaidh fhreagarrach ann airson a gabhail thairis.