Airgead 'son taighean-beaga poblach
- Air fhoillseachadh

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' sireadh thagraidhean bho bhuidhnean a bhiodh deònach taighean-beaga poblach a ruith.
Bidh £60,000 ri fhaighinn do dhaoine as urrainn goireasan a thoirt seachad mar sgeamaichean cofhurtachd.
Tha an t-airgead 'son nan taighean-beaga na phàirt de stòras £1.5m aig Comhairle na Gàidhealtachd 'son ghoireasan 'son luchd-turais a leasachadh.
Dh'innis an t-ùghdarras ionadail gu bheil 74 taighean-beaga poblach aca agus 36 eile a th' air an ruith mar sgeamaichean cofhurtachd.
Bidh iad uile a' nochadh air mapa, taobh a-muigh air loidhne aig a' Chomhairle.
Tagraidhean
Thuirt iad le seusan na turasachd air fàire, gu bheil iad 'son goireasan a bharrachd a stèidheachadh.
Tha iad ag iarraidh thagraidhean bho chuid a tha a' ruith ghnothachasan, thallaichean no seirbheisean aoigheachd is a bhiodh deònach taighean-beaga a chur air dòigh do luchd-tadhail.
Thuirt iad gun urrainn dhan Chomhairle taic-airgid a thoirt seachad a rèir dè na goireasan a th' ann.
Dh'innis iad gum biodh ùidh aca gu sònraichte ann an làraich ann an Cluainidh, Ceann a' Bhràist, Allt na h-Eirbhe agus Drochaid Oiceil.
Thuirt iad ge-tà, gu bheil iad deònach beachdachadh air sgeamaichean cofhurtachd ann an àite sam bith air a' Ghàidhealtachd is gu bheil cothrom ann air aonta bliadhnail no feadhainn nas giorra.
Bu chòir feadhainn le ùidh sa ghnothach fios a chur air a' Chomhairle an seo, taobh a-muigh.