Gainnead fios mun Ghàidhlig an cunntas sluaigh na RA
- Air fhoillseachadh

B' e Didomhnaich là a' chunntais-shluaigh sa chòrr den Rìoghachd Aonaichte.
Tha dragh ann nach tèid mìltean de luchd labhairt na Gàidhlig a chlàradh anns a' chunntas-sluaigh sa chòrr den Rìoghachd Aonaichte.
Chan eil an cunntas-sluaigh sin a' toirt cothrom do dhaoine innse dè an ìre aig a bheil Gàidhlig na h-Alba aca.
B' e DiDòmhnaich là a' chunntais-shluaigh anns a h-uile duthaich san Rìoghachd Aonaichte ach Alba.
Tha mu 800,000 Albannach a' fuireach ann an Sasainn.
Ma tha 1% dhiubh comasach air Gàidhlig a bhruidhinn - sin 8,000 duine le Gàidhlig a dh' fhaodadh a bhith ann an Sasainn.
Anns a' chunntais-shluaigh acasan, mur a h-i do phrìomh chànan làitheil, chan eil dòigh ann innse bheil a' Ghàidhlig fiù 's agad.
Chuir BBC Naidheachdan seo ri Oifis nan Staitistig Nàiseanta tha ruith a' chunntais ann a Sasainn.
Thuirt iad gu bheil na ceistean cànain aca ann airson tomhas cò mheud duine ann an Sasainn aig nach eil Beurla mar phrìomh chànan.
Thuirt iad gur ann airson leasachadh poileasaidh, is lìbhrigeadh sheirbheisean a chuideachadh a bha seo.
Cunntas na h-Alba
Ann an Alba, bidh cothrom agad do sgilean ann an Gàidhlig innse, ach chan fhaigh thu dhèanamh chun a' Mhart 2022.
Chaidh cunntas na h-Alba a' chur dheth chun ath-bhliadhna, le dragh gun toireadh èiginn a' choròna-bhìorais buaidh air.
Thuirt Clàran Nàiseanta na h-Alba, a bhios a' ruith a' chunntais gun robh Covid air maill a chur air fastadh luchd-obrach agus dèanamh dheuchainnean air na siostaman aca.
Thuirt iad gun robh iad cuideachd airson dèanamh cinnteach gun tèid aig euslaintich is luchd còmhnaidh ann an taighean cùram cunntas a lìonadh.
Tha na h-ùghdarrasan cunntais ann an Alba agus Sasainn ag ràdh gu bheil iad ag obair gus lùghdachadh a dhèanamh air cron sam bith a dh'fhaodadh èirigh bhon chunntas a bhith tachairt aig amannan eadar-dhealaichte.