"Gàidhealtachd oifigeil" ga moladh
- Air fhoillseachadh
![Taobh a' Chaolais, Uibhist a Deas](https://ichef.bbci.co.uk/ace/standard/976/cpsprodpb/4165/production/_118014761_mediaitem118014758.jpg)
Choimheadadh an SNP ri modal nan Gaeltachtaí ann an Èirinn airson inbhe oifigeil a bhuileachadh air sgìrean far am bruidhnear a' Ghàidhlig sa choimhearsnachd.
Tha Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba a' gealltainn bile ùr a chur air beulaibh Holyrood airson Achd ùr Gàidhlig agus Albais ma shoirbhicheas leotha san taghadh.
Le dùil ri foillseachadh manifesto an SNP Diciadain, chaidh fiosrachadh a sgaoileadh leotha anmoch feasgar Dimàirt leis na tha iad a' cur romhpa a thaobh na Gàidhlig.
Thathas a' tuigsinn nach deadh an achd ùr a chur an àite Achd na Gàidhlig 2005, ach gun deadh a cur air muin na seann achd.
Tha an SNP airson coimhead ri inbhe oifigeil a thoirt do Ghàidhealtachd na h-Alba - sgìre, no sgìrean far a bheil an cànan ga bruidhinn sa choimhearsnachd, agus far am biodh a' Ghàidhlig air a h-aithneachadh mar phrìomh chànan an àite.
Èirinn
Tha a leithid de dh'inbhe aig sgìrean a th' air an cànan a ghlèidheadh ann am Poblachd na h-Èireann, agus anns a bheil leasachadh eaconomach agus coimhearsnachd gan toirt air adhart a chùm a' Ghaeilge agus Gàidheil a ghlèidheadh anns na sgìrean sin.
Thuirt na Tòraidhean gu bheil a' Ghàidhlig ris a' chreig, nach eil ùine ann 'son pròiseas laghail ùir, agus gum bu chòir dèiligeadh ris an staing a thaobh na Gàidhlig sa bhad anns na sgìrean far a bheilear ga bruidhinn.
Thuirt iad cuideachd gur ann air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a chuireadh iadsan prìomhachas, le barrachd thidsearan air am fastadh a dh'obraicheadh sa chànan, agus gum biodh iad airson ùrachadh a dhèanamh air Plana Nàiseanta na Gàidhlig.
Thuirt fear a tha toirt taic dhan Phàrtaidh Làbarach gum feumar prìomhachasan a chur air na sgìrean Gàidhealach eileanach, agus gu bheil thìde ann na buidhnean agus obraichean a tha an urra ri leasachadh agus craoladh na Gàidhlig a ghluasad a-mach às na bailtean mòra, chun nan eileanan.
Thuirt e cuideachd gu bheil 14 bliadhna air a bhith aig an SNP airson piseach a thoirt air cor na Gàidhlig ach gu bheil cùisean a' dol air ais.
Thuirt na Lib-Deamaich gu bheil iadsan a' cur cuideim air coimhearsnachdan ionadail a bhith a' làimhseachadh rudan iad fhèin, agus gun dèanadh iad a h-uile càil as urrainn dhaibh airson taic a thoirt dhaibh ma tha iad ag iarraidh a' Ghàidhlig a thoirt air adhart anns na sgìrean aca.
Thuirt Pàrtaidh Uaine na h-Alba gu bheil poileasaidh a' phàrtaidh ag amas air co-ionnanachd Beurla, Gàidhlig, Albais agus Cànan Soidhnidh Bhreatainn, agus gu bheil taic a dhìth airson na Gàidhlig aig ìre choimhearsnachd.