Còmhraidhean san amharc mu staing an taigheadais

  • Air fhoillseachadh
Port RìghTùs an deilbh, John Allan/Geograph

Tha òigridh Sgitheanach a tha a' gearain air dìth thaighean san sgìre a' sireadh chòmhraidhean le Comhairle na Gàidhealtachd.

Chaidh Iomairt an Eilein a stèidheachadh bho chionn ghoirid is iad ag ràdh gu bheil iad "a' toirt togail do ghuthan òga an Eilein Sgitheanaich".

Dh'innis a' bhuidheann iomairt gur e staing an taigheadais an dùbhlan as motha a th' ann dhaibh an-dràsta.

Chuir còrr is 2,000 duine ainm ri athchuinge a thòisich iad mun ghnothach.

Tha dùil aig a' bhuidhinn a-nise coinneachadh ri comhairlichean às dèidh do Chomhairle na Gàidhealtachd cead-dealbhachaidh a thoirt do Tulloch Homes airson flataichean a thogail ann am Port Rìgh, ged nach bi gin dhiubh ri fhaighinn aig prìs reusanta.

Airgead

Bidh sia flataichean san leasachadh ann am meadhan a' bhaile.

Far a bheil companaidh choimearsalta a' togail còrr is trì àiteachan-fuirich ùra anns an aon leasachadh, tha dleastanas orra co-dhiù an ceathramh cuid dhiubh a chur gu aon taobh airson an reic aig prìs reusanta.

Ràinig Tulloch Homes aonta le Comhairle na Gàidhealtachd ge-tà, airson £45,000 a phàigheadh gus nach leig iad a leas seo a dhèanamh.

Tha dragh air Iomairt an Eilein mun chùis is iad ag ràdh gur e comharra a th' ann nach eil a' Chomhairle ag èisteachd riutha.

"Tha còrr air 2,400 duine air na h-ainmean aca a chur ris an athchuinge againn is fhathast tha a' Chomhairle dìreach a' dol air adhart mar a bha iad roimhe is chan eil iad a' dèanamh atharrachaidhean sam bith", thuirt Peigi Nic a' Phiocair bho Iomairt an Eilein.

"Seo (leasachadh Phort Rìgh) rud sìmplidh a b'urrainn dhaibh a dhèanamh is mar sin mura h-eil iad a' tòiseachadh le sin, chan eil iad a' dol a dhèanamh atharrachadh sam bith.

"Tha e dìreach a' sealltainn nach eil iad ag èisteachd is nach eil iad a' coinneachadh ris na feumalachdan a th' aig daoine", thuirt i.

Prìomhachas

Dh'innis i gun do chuir Iomairt an Eilein prìomhachas sa chiad dol a-mach air cuideam a chur air na pàrtaidhean poilitigeach ro thaghadh na h-Alba.

Thuirt i gu bheil dùil aca coinneachadh ris a' Chomhairle nuair a tha an taghadh seachad.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gun deach gabhail ris an t-suim bho Tulloch Homes leis nach bi ann ach àireamh bheag de flataichean san leasachadh am Port Rìgh.

Nuair a chaidh an cead a thoirt seachad, dh'innis cathraiche na comataidh dealbhachaidh, an Comh. Maxine Morley Nic a' Ghobhainn, gu bheil aonta mar seo tric a' tachairt agus gu bheileas an dùil an t-airgead bho Tulloch Homes a chosg mu choinneimh thaighean aig prìs reusanta.