Dùil gum fosgail taighean-beaga aig an Stòr

  • Air fhoillseachadh
Bodach an Stòir
Fo-thiotal an deilbh,

Bidh na mìltean dhaoine a' tadhal air Bodach an Stòir a h-uile bliadhna

Tha dùil gum fosgail taighean-beaga ùra aig an Stòr ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich taobh a-staigh beagan làithean.

Chosg na taighean-beaga £300,000 's iad mar phàirt de leasachadh air goireasan do luchd-turais aig an làraich.

Nochd iomadach gearan an-uiridh mu dhol a-mach luchd-turais, le feadhainn a' parcadh ann an àitichean mì-iomchaidh agus a' fàgail sgudail às an dèidh.

Thuirt Cathraiche Comataidh an Eilein Sgitheanaich agus Ratharsaigh aig Comhairle na Gàidhealtachd, Iain Fionnlasdan, gum feum luchd-turais fhèin, agus an fheadhainn a tha a' frithealadh orra, uallach a ghabhail airson dèanamh cinnteach nach èirich na trioblaidean sin a-rithist.

Tha a' chomataidh cuideachd gu bhith a' coimhead ri leithid soidhnichean rathaid ùra airson tuilleadh thaighean-beaga airson cùisean a dhèanamh nas goireasaiche do luchd-turais.

Thuirt an Comh. Fionnlasdan cuideachd gun tèid an sgrudal a thogail nas trice aig làraichean a tha a' tàladh àireamhan mòra de luchd-turais.

Tuilleadh air an sgeulachd seo