Dàil eile le aiseagan Ghàrradh MhicFhearghais

  • Air fhoillseachadh
Glen SannoxTùs an deilbh, CMAL

Tha fearg sna h-Eileanan Siar an dèidh dearbhadh bho Ghàrradh MhicFheargais gum bi dàil a bharrachd - cha mhòr ceithir mìosan - air an dà shoitheach a tha iad a' togail do ChalMac - tè dhiubh a bhios air an t-slighe eadar Ùige san Eilean Sgitheanach, an Tairbeart agus Loch nam Madadh.

Chan eil dùil gum bi i sin deiseil a-nis gu samhradh 2023, agus tha dragh air Cathraiche na Còmhdhail aig Comhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robasdan, nach bi i ann an seirbheis gu co-dhiù 2024.

Tha e a-nis a' cur ìmpidh air Riaghaltas na h-Alba dà bhàt-aiseig ùr a lorg san aithghearrachd do dh'Uibhist agus dha na Hearadh airson seirbheis choileanta a thoirt seachad.

Chaidh Covid a choireachadh airson dàil ùr nan aiseagan.

Chaidh a ràdh nach cuir seo ri cosgaisean, ach tha iad mar thà a' dol a chosg còrr air a dhà uimhir 's a bhathas a' sùileachadh bho thùs.