Ceistean às ùr mu aiseagan

  • Air fhoillseachadh
Glen SannoxTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Bidh an Glenn Sannox a' dol eadar Eilean Arainn is Tìr-Mòr nuair a tha i deiseil.

Tha ceistean às ùr mu aiseagan na h-Alba is cùmhnant airson dà bhàta ùr do dh'Ìle a' dol a-null thairis.

Thèid na bàtaichean ùra an àite an MV Hebridean Isles - a tha 36 bliadhna de dh'aois - agus an MV Finlaggan.

Bhiodh am Finlaggan air a saoradh 'son a dhol air slighe eile.

'S e seo a' chiad òrdugh mòr aig CMAL bho chaidh cùmhnant airson an MV Glen Sannox agus aiseag ùr dha na h-Eileanan an Iar gu Gàrradh MhicFheargais ann am Port Ghlaschu.

Bristeadh-dùil

Tha na bàtaichean sin fada air dheireadh is a' chosgais còrr air dùblachadh.

Bha Gàrradh MhicFheargais am measg 11 companaidh a rinn tagradh airson na bàtaichean ùra a thogail.

Air a' cheann thall, 's e ceithir gàrraidhean a fhuair àite air a' gheàrr-liosta is iad stèidhichte sa Phòlainn, Romàinia agus san Tuirc.

Feumaidh iadsan a-nise tagraidhean mionaideach a chur air adhart.

Dh'innis Gàrradh MhicFheargais gur e "bristeadh-dùil" a bh' ann dhaibh ach gun ionnsaich iad leasanan.

Tùs an deilbh, Ferguson Marine
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh toiseach ùr a chur bho chionn ghoirid air Hull 802, an soitheach a tha Gàrradh MhicFheargais a' togail airson nan Eilean Siar.

Thuirt Aonadh an GMB, a tha a' riochdachadh luchd-obrach a' ghàrraidh, gu bheil an gnìomhachas ann an Alba "a' fàiligeadh cleas roinn a' chumhachd ath-nuadhachail aig muir".

"Thèid aiseagan a tha air am maoineachadh leis an sporan phoblach an seo a dhèanamh air Taobh Sear na h-Eòrpa no san Tuirc, sin obraichean agus airgead a bu chòir a bhith ann an Inbhir Chluaidh a' dol a dhùthchannan eile", thuirt Gary Cook bhon GMB.

Thuirt Làbaraich na h-Alba gur e "buille mhòr" a th' ann aig àm nuair a tha an eaconomaidh ann an staing, is na Lib Deamaich ag innse gur e samhla a th' ann air mar a tha Riaghaltas na h-Alba a' fàiligeadh nach robh gàrradh Albannach air a' gheàrr-liosta.

Tha Tòraidhean na h-Alba ag ràdh gur e "cùis-nàire" a th' ann dhan SNP.

Thuirt neach-labhairt bho Riaghaltas na h-Alba gur e bristeadh-dùil a th' ann nach robh Gàrradh MhicFheargais soirbheachail ach gu bheil iad a' cur làn thaic ris a' ghàrradh agus oidhirpean gus an gnìomhachas ann an Alba a leasachadh.

Cothrom

Aig an dearbh àm, thuirt Cathraiche na Còmhdhail aig Comhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robasdan, gur e deagh naidheachd a th' ann co-dhiù gu bheil bàtaichean ùra gu bhith ann is cruaidh fheum air soitheachan ùra san lìonra.

Thuirt e, le ceithir bàtaichean ùra, gu bheil e an dòchas gum bi bàtaichean fa leth ann airson na Hearadh is Loch nam Madadh air a' cheann thall.

Tha an Comh. Robasdan ag ràdh cuideachd gu bheil e an dòchas gum bi cothroman eile ann dha Gàrradh MhicFheargais.

"Tha e cianail duilich sin a chluinneil ach feumaidh tu cuimhneachadh nach eil seo ach toiseach-tòiseachdainn, an dà aiseag a tha seo.

"Tha sinn feumach air cus, cus a bharrachd agus tha mi an dòchas san aithghearrachd gum bi iad a' coimhead ris cus a bharrachd a thogail, agus dòchas an uairsin gum bi cothrom aig Gàrradh MhicFheargais feadhainn de na cùmhnantan sin fhaighinn", thuirt e.