Bàt'-aiseig ùr do ChalMac
- Air fhoillseachadh
Dh'innis Righaltas na h-Alba gu bheil iad air bàt'-aiseig eile a cheannach a bhios a' frithealadh slighe an Òbain agus Creag an Iubhair ann am Muile.
Chaidh an MV Utne a thogail ann an 2015 agus 's e soitheach Ro-Ro a th'innte a ghabhas 195 luchd-siubhail agus 34 carbadan.
Bidh i a' tighinn à Nirribhidh aig deireadh na Samhna agus tha dùil gum bi i ann an seirbheis an ath-bhliadhna às dèidh obair airson a dèanamh freagarrach airson na slighe eadar tìr-mòr agus Muile, trèanadh criutha is cead bho na Maoir-chladaich.
Tha dòchas ann gum faigh an t-Eilean Sgitheanach agus na h-Eileanan an Iar buannachd aiste cuideachd leis gum bi soitheach a bharrachd ann an cabhlach ChalMac.
Chomharraich Riaghaltas na h-Alba £580m airson seirbheisean aiseig a' Chosta an Iar a leasachadh san ath-chòig bliadhna.
Thuirt Ministear na Còmhdhail, Graeme Dey: "Thuirt sinn gum biodh sinn a' coimhead air a' mhargaidh ath-làimhe airson bàtaichean a bharrachd airson taic a chumail ri coimhearsnachdan eileanach, agus tha seo mar phàirt den obair sin.
Co-chomhairle
"Bidh sinn a' cumail oirnn ag obair còmhla ri CMAL agus CalMac airson piseach a thoirt air an lìonra."
Thèid clàr-ama a dhearbhadh le CalMac nuair a bhios an obair ullachaidh air an MV Utne deiseil agus thèid co-chomhairle a dhèanamh air mar a theid bàtaichean eile a ghluasad.
Thuirt Àrd-stiùiriche CMAL, Caomhainn Hobbs: "Cha robh e furasta soitheach ath-làimhe a bha freagarrach fhaighinn ach tha sinn toilichte gun d' fhuair sinn bàta air a bheil cruaidh fheum airson cabhlach ChalMac a dhèanamh nas seasmhaiche.
Thuirt Àrd-stiùiriche ChalMac, Robbie Druimeanach: "Tha sinn a' cur fàilte mhòir air an MV Utne agus bidh sinn ag obair gu dlùth le Còmhdhail Alba agus CMAL feuch mar as fheàrr a chuireas i ri na seirbheisean riatanach againn."
Tha cathraiche comataidh na còmhdhail aig Comhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robasdan, ag ràdh gur e "naidheachd mhath dha-rìribh" a th' ann.
Thuirt an Comh. Robasdan gu bheil e an dòchas gun tèid an MV Coruisk a shaoradh ri linn seo 'son a dhol air ais air an t-slighe eadar Malaig is Armadail, is gum biodh an MV Lord of the Isles mar sin a' seòladh a-mach à Loch Baghsdail làn-ùine.
"Faochadh"
Thuirt e gun toireadh sin "faochadh mòr" air seirbheisean Uibhist is gu bheil Comhairle nan Eilean Siar air a thogail mar-thà le CMAL is Còmhdhail Alba.
Dh'innis CalMac gu bheil iad an dùil gur e seo a thachras bho shamhradh 2022.
Ach ged a chuir an Comh. Robasdan fàilte mhòr air an MV Utne, thàinig rabhadh bhuaithe cuideachd nach e fuasgladh a tha seo idir dha na trioblaidhean air fad aig CalMac.
"Nì e cuideachadh gun teagamh ach bhiodh dragh oirnn, an ath-bhliadhna tha na h-aiseagan bliadhna nas sine, tha trioblaidean teicnigeach gus a bhith ann.
"Tha iad ag ràdh rinn gu bheil iad a' dol a chumail a choimhead airson soitheach nas motha, coltach ris a' Chlansman is an Hebrides, agus tha fios againn uileag le droch aimsir is duilgheadasan teicnigeach gu bheil dà bhliadhna eile dhen seo againn, a dh'aindeoin an t-soithich ùir a tha seo.
"Tha trioblaidean gus a bhith ann chanainn."
Thuirt an Comh. Robasdan gun tuirt a' Chomhairle ann an coinneamh le CMAL an t-seachdain seo chaidh gum bu chòir suas ri sia bàtaichean den aon sheòrsa a thogail aig an aon àm is gum faodadh iad a bhith air an cleachdadh air feadh an lìonra.
Thuirt e ge-tà, gu bheil e air a mhisneachadh gu bheil adhartas a' tighinn air suidheachadh nan aiseagan bho chaidh Graeme Dey a stèidheachadh mar Mhinistear na Còmhdhail.