Bàrd ùr aig a' Chomunn Ghàidhealach

  • Air fhoillseachadh
Rody GormanTùs an deilbh, An Comunn Gàidhealach

Chaidh urram Bàrd a' Chomuinn Ghàidhealaich a bhuileachadh air Rody Gorman aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Inbhir Nis.

Tha e a' gabhail thairis na dreuchd bho Shandaidh NicDhòmhnaill Jones, a th' air a giùlain 'son an dà bhliadhna mu dheireadh - nas fhaide na 's àbhaist, leis nach gabhadh Mòd a chumail an-uiridh ri linn Chovid.

Rugadh is thogadh Rody Gorman ann am Baile Átha Cliath, ach tha e an-diugh a' fuireach san Eilean Sgitheanach.

Tha e air grunn eadar-theangaichean de litreachas fhoillseachadh, a thuilleadh air cruinneachaidhean de bhàrdachd ùir ann an Gàidhlig, Gaeilge agus sa Bheurla.

Tha e cuideachd air cruinneachaidhean de bhàrdachd Ghàidhlig air a sgrìobhadh le càch a dheasachadh thar nam bliadhnaichean.

"Tha e na thlachd dha-rìribh dhomh gabhail ri urram Bàrd a' Chomainn Ghàidhealaich a thathar air buileachadh orm mar chomharradh air mo chuid saothrach thar nam bliadhnaichean," thuirt Rody.

"Ann a bhith a' gabhail ris an dreuchd tha mi mothachail is moiteil gu bheil mi a' leantainn làrach nam bàrd a chaidh romham, Bàrd Phàislig, Màiri NicGhillEathain, Aonghas-Phàdraig Caimbeul, Maoilios Caimbeul, Catrìona NicGumaraid agus Aonghas MacNeacail nam measg, gun tighinn air an fhear a thug a-mach an duais ann an 1935, Dòmhnall Grannd à Camas Chros, far a bheil mi fhìn air a bhith a' fuireach o chionn còrr is 30 bliadhna.

Fhad 's a bhios mi san dreuchd, tha mi an dòchas gun tèid agam air cur ri adhbhar bàrdachd na Gàidhlig agus bàrdachd a dhèanamh a rèir mar a fhreagras."