Planaichean trì colaistean UHI a thoirt còmhla

  • Air fhoillseachadh
Colaiste a' ChaisteilTùs an deilbh, Colaiste a' Chaisteil

Chaidh planaichean fhoillseachadh airson trì de cholaistean Oilthigh na Gàidhealtachd 'snan Eilean a chur còmhla.

Fo na molaidhean thèid Colaiste a' Chaisteil, Colaiste na Gàidhealtachd a Tuath agus Colaiste na Gàidhealtachd an Iar a cho-aonachadh airson buidheann acadaimigeach ùr a chruthachadh.

Tha dùil gun toir na planaichean buaidh air mu 9,000 oileanach agus air mu 600 luchd-obrach.

Thuirt ceannardan Colaiste Chaisteil Leòdhais ann an Steòrnabhagh, Colaiste na Gàidhealtachd an Iar anns a' Ghearasadan agus Colaiste na Gàidhealtachd a Tuath ann an Inbhir Theòrsa nach biodh seo a' ciallachadh gum biodh seirbheisean a' gluasad chun a' mheadhain.

Gheall iad nach deadh daoine a chur a-mach às an dreuchdan an aghaidh an toil.

Sàbhalaidhean

Gheall iad cuideachd gun tèid airgead sam bith a thèid a chaomhnadh a chleachadh airson piseach a thoirt air an foghlam a tha iad a' tabhann.

Thuirt am ball pàrlamaid Làbarach airson na Gàidhealtachd agus nan Eilean, Rhoda Ghrannd, gu bheil dragh oirre mun bhuaidh a bhios aige seo air na coimhearsnachdan ionadail.

"Ma tha iad ag ràdh nach tèid daoine a chur a-mach às an obair an aghaidh an toil ach gum bi sàbhalaidhean ann agus gun tèid an t-airgead sin a chosg air foghlam tha e a' togail ceist mu cò às a tha na sàbhalaidhean sin a' tighinn.

"Tha beagan de dhragh orm gum faodadh atharrachaidhean toirt air daoine an cuid obrach fhàgail leis nach bi iad airson gluasad gu sgìre eile", thuirt i.

Tha ceannardan nan colaistean ag ràdh gun obraich iad gu dlùth le luchd-obrach agus aonaidhean-ciùird mus tèid an t-ionad acadaimigeach ùr a stèidheachadh san Fhaoilleach 2023.

Thuirt iad gur e cothrom air leth a th' anns a' cho-aonachadh rudan a dhèanamh ann an dòigh nas fheàrr agus nas gleusta.