Rabhadh mu chall £100m an turasachd san Eilean Sgitheanach
- Air fhoillseachadh

Nochd rabhadh gum faodadh an t-Eilean Sgitheanach còrr air £100m a chall gach bliadhna le sgeama-ceadachaidh 'son àitichean-fuirich air màl 'son ùine ghoirid.
Tha seo co-dhiù a rèir na buidhne turasachd SkyeConnect.
Tha iad a' gearain ri Riaghaltas na h-Alba gun dèan an sgeama call air turasachd is nach cuidich e nas motha ann a bhith a' glèidheadh àitichean-còmhnaidh do mhuinntir an eilein.
Fo phlanaichean an Riaghaltais, bidh aig ùghdarrasan ionadail uile sgeama-ceadachaidh 'son àitichean-fuirich air màl ghoirid a stèidheachadh ron Damhair 2022.
Draghan
Dh'fheumadh daoine a tha a' cur àitichean a-mach air màl an uairsin cead iarraidh 'son gach àite ron 1mh den Ghiblean 2023, is feum aig gach àite den leithid air cead ron 1mh den Iuchar 2024.
Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun tàinig iad air adhart leis an sgeama is daoine air feadh na h-Alba air draghan a thogail mun bhuaidh aig na th' ann de dh'àitichean-fuirich air màl 'son ùine ghoirid air coimhearsnachdan.
Tha rannsachadh 'son an Riaghaltais a' tomhais gum bi eadar £200 is £400 ri pàigheadh gach trì bliadhna air gach àite-fuirich.
Ach tha ceistean mòra air SkyeConnect mun sin, is gu h-àraidh gum bi e an urra ri gach ùghdarras co-dhùnadh dè chosgas cead.
"Sgrios"
"Nì seo sgrios is cosgaidh e còrr is £100m gach bliadhna do thurasachd san eilean", thuirt Clare Winskill, a tha na stiùriche air SkyeConnect.
"'S e an trioblaid nach eil na cìsean a bhios ann air an stèidheachadh is tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh nach urrainn dhaibhsan cumail ris na molaidhean aig Riaghaltas na h-Alba, is gum bi e nas àirde acasan", thuirt i.
Tha SkyeConnect ag ràdh gu bheil 20% de dhaoine a tha a' cur thaighean a-mach air màl 'son ùine ghoirid an dùil sguir dheth nuair a thig an siostam ùr a-steach.
Thuirt a' bhuidheann gur e buille eile a tha seo nuair a tha gnìomhachas na turasachd air fulang gu mòr mar-thà air sgàth Chovid-19.
Taigheadas
Thuirt iad gum bi co-dhiù trì bliadhna eile ann mus till an àireamh de luchd-turais eadar-nàiseanta chun na h-ìre aig an robh i mus do thòisich staing Chovid.
Is tha SkyeConnect a' cumail a-mach cuideachd nach dèan an sgeama faochadh nas motha air an staing taigheadais san Eilean Sgitheanach is daoine òga gu h-àraidh a' gearain nach eil cothrom aca air taigh.
"Ma chuireas tu taigh a bha a-mach air màl 'son ùine ghoirid air ais a' mhargaidh, falbhaidh e aig prìs mhòir", thuirt Clare Winskill.
"Chan eil dòigh sam bith air thalamh gun tig barrachd àitichean-fuirich 'son mhuinntir an àite - air màl no 'son an ceannach - tro lùghdachadh a thoirt air roinn àitichean-fuirich air màl 'son ùine ghoirid", thuirt i.