Sia teaghlaichean a' faighinn dhachaighean ùra ann an Stafainn
- Air fhoillseachadh

Bidh sia teaghlaichean a' gluasad a-steach dha na dachaighean ùra aca sa Bhliadhn' Ùir
Bidh na ciad thaighean air prìs reusanta a thogadh ann an Stafainn airson còrr agus 20 bliadhna deiseil an ceann mìos.
Dhearbh Urras an Taobh Sear - tè de na buidhnean air cùl na h-obrach - gum faigh sia teaghlaichean iuchraichean an dachaighean ùra air 17mh den Fhaoilleach.
Cuideachd air làrach nan taighean ùra bidh ionad slàinte a bhios fo shealbh na coimhearsnachd agus dà ionad-gnothachais; tha dùil gun cuir a' chompanaidh-togail, James MacQueen Earranta, crìoch air sin sa Ghearran.
Chaidh am pròiseact a chur air adhart agus draghan ann mu ghainnead thaighean sa sgìre do theaghlaichean, lùghdachadh air an àireamh chloinne ann am Bun-sgoil Stafainn agus crìonadh-sluaigh.

'S e MacQueens Builders a thog na taighean; cuiridh iad crìoch air ionad-slàinte coimhearsnachd agus aonadan-gnothachais sa Ghearran
Dìth thaighean air prìs reusanta
Bha Urras an Taobh Sear ag obair an co-bhonn le Urras Taigheadais nan Coimhearsnachdan agus Comann Taigheadais an Eilein Sgitheanaich agus Loch Aillse airson an leasachadh a chosg £1.6m a thoirt gu buil.
Cheannaich Urras an Taobh Sear an làrach airson £70,000 le taic-airgid a fhuair iad bho Stòras Fearann na h-Alba.
'S e Taighean a' Chaiseil a chanar ris a' bhaile bheag ùr a bhios na dhachaigh do 12 inbheach agus ochdnar chloinne.
Dhearbh Urras an Taobh Sear gur e a' chompanaidh Organic Sea Harvest, leis a bheil dà thuathanas-bhradan sa sgìre agus a tha a' fastadh 18 daoine, a' toirt a-mach nan ionadan-gnothachais air an làraich air màl.

'S e Taighean a' Chaiseil ainm an leasachaidh ùir
Seasmhachd na coimhearsnachd
Thuirt stiùiriche Urras an Taobh Sear, Dòmhnall Dòmhnallach, nach beag na dùbhlain an cois na h-obrach a thòisich bho chionn seachd bliadhna.
"Aig àm nuair a tha barrachd chumhachd a dhìth aig ìre choimhearsnachd tha am pròiseact seo air dearbhadh gu bheil sinn, mar dhùthaich, fada bho bhith a' coileanadh an amais sin.
"Feumar taing a thoirt do stiùirichean agus luchd-obrach an urrais airson cumail orra leis a' phròiseact sa a dh'aindheoin nan cnapan-starra a dh'fhaodadh an dìth-mhisneachadh.
"Tha sinn a' guidhe gach sonais dhan luchd-còmhnaidh ùr nan dachaighean a tha cho cudromach a thaobh fàs agus seasmhachd na coimhearsnachd."