Briseadh-dùil mu fhoghlam Gàidhlig an Glaschu

  • Air fhoillseachadh
Fo-thiotal a’ bhidio,

Briseadh-dùil mu fhoghlam Gàidhlig an Glaschu.

Dh'iarr pàrantan ann an Glaschu air comhairle a' bhaile coimhead a-rithist ris na planaichean a th' aca airson foghlam Gàidhlig sa bhaile a leudachadh.

Tha seo às dèidh mar a chaidh innse do 23 teaghlaichean nach fhaigheadh an cuid chloinne àite air P1 ann am foghlam Gàidhlig ann an Glaschu am-bliadhna.

Thachair an aon rud an-uiridh agus chaill seachdnar a-mach air àite ann am foghlam Gàidhlig sa bhaile air a' cheann-thall.

Tha Comhairle Ghlaschu ag ràdh gum feum iad casg a chur air àireamhan aig ìre na bun-sgoile fhad 's a tha iad ag obair air planaichean gus barrachd àitean a chur air dòigh aig àrd-sgoil Ghàidhlig a' bhaile.

Thuirt Cathraiche Chomann nam Pàrant, Eilidh NicFhionghain, nach eil mòran roghainnean aig pàrantan dhan deach àite a dhiùltadh, ach a bhith a' coimhead taobh a-muigh Ghlaschu.

"Dh'fhaodadh iad coimhead taobh a-muigh baile Ghlaschu - tha sgoiltean ann ann an Cille Bhrighde an Ear, agus tuath air baile Ghlaschu - dh'fhaodadh iad smaoineachadh air àite iarraidh ann an sin. 'S dòcha gum feumadh na pàrantan a' chlann a thoirt ann, neo dh'fhaodadh iad tighinn gu co-dhùnadh leis a' Chomhairle nan robh iad-san deònach pàigheadh airson an toirt ann".

Dòchas

Tha dòchas aice ge-tà, gun tig piseach air an t-suidheachadh eadar seo agus toiseach na bliadhna-sgoile anns an Lùnastal.

"Tha 'placing requests' fhathast ri dhèanamh agus bidh sin a' dol suas gu deireadh a' Mhàirt, so tha sinn an dùil 's an dòchas gum bi àitean eile rim faighinn", thuirt i.

Seo an dàrna bliadhna ann an sreath a chaidh àite a dhiùltadh do chuid de chloinn, ach thuirt Comann nam Pàrant ann an Glaschu gun robh an trioblaid air tighinn am bàrr grunn bhliadhnaichean ron sin.

Thuirt iad gum bu chòir dhan Chomhairle coimhead ris a' chùis às ùr, is gum bu chòir gum bi e comasach dhaibh suidheachadh na h-àrd sgoile a chur air dòigh fhad 's a tha clann a' gluasad tron bhun-sgoil.

"Tha cion àitean ann aig ìre na h-àrd-sgoile", thuirt Eilidh NicFhionghain.

"Mar sin tha dragh air a' Chomhairle ma leigeas iad a-steach a h-uile duine am-bliadhna nach bi gu leòr rùm ann dhaibh nuair a ruigeas iad an àrd-sgoil.

Call

"Tha sinne aig Comann nam Pàrant ag ràdh gum bu chòir seachd bliadhna a bhith gu leòr airson na rudan a chur air dòigh gus nach bi sin a' tachairt, ach chan eil a' Chomhairle deònach sin a dhèanamh.

"Air a' cheann thall 's e na teaghlaichean a tha a' call a-mach, agus 's e a' Ghàidhlig a tha a' call a-mach", thuirt i.

Thuirt Fear-gairm Foghlaim Comhairle Baile Ghlaschu, Chris Coineagan, gu bheil iad moiteil gu bheil foghlam Gàidhlig air a bhith ri fhaighinn ann an Glaschu fad còrr is 22 bliadhna, le obair air tòiseachadh air a' cheathramh bun-sgoil Ghàidhlig anns a' bhaile.

Tha an àireamh phàrantan a tha a' sireadh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig anns a' bhaile a' fàs gach bliadhna, thuirt e, agus feumaidh iad rian a chumail air na h-àireamhan mu choinneimh na tha de dh'àitean ann an foghlam Gàidhlig àrd-sgoile anns a' bhaile.

Thuirt e gu bheil iad mothachail gum bi seo na bhriseadh-dùil do theaghlaichean, ach gum bi suidheachaidhean ag atharrachadh eadar seo agus an Lùnastal, agus gun cùm iad fios ri pàrantan mar a ghluaiseas cùisean air adhart.

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh