"Uireasbhaidhean mòra" ann an sgrùdadh mun Ghàidhlig

  • Air fhoillseachadh
The Gaelic Crisis in the Vernacular Community

Tha beachd ann gu bheil uireasbhaidhean mòra anns an leabhar The Gaelic Crisis in the Vernacular Community.

Ann an aiste ùir san iris Scottish Affairs, tha buidheann de dh'eòlaichean ag ràdh gun robh na sgìrean a chaidh a thaghadh airson an rannsachaidh ro chumhang, agus gur e dealbh neo-choileanta, taobhach a thug e seachad air poileasaidh na Gàidhlig san là a th' ann.

Thàinig the Gaelic Crisis in the vernacular community a-mach san t-Samhradh 2020, agus tha e air mòran deasbaid adhbhrachadh bhon uairsin.

Tha feadhainn air taic làidir a chur ris an leabhar airson solas a chur air suidheachadh cugallach na Gàidhlig sna coimhearsnachdan dùthchasach, agus molaidhean ùra a chur air adhart a thaobh mar a thèid a neartachadh mar chànan coimhearsnachd.

Ach tha cuid air a bhith teagmhach mun leabhar, agus feadhainn a' cur às a leth gu bheil e air sgaradh nach eil idir cuideachail a dhèanamh eadar luchd-labhairt na Gàidhlig sna h-eileanan agus luchd-labhairt eile.

Tha an aiste seo a-nis ag ràdh gun robh grunn uireasbhaidhean agus laigsean san leabhar agus gun deach am fiosrachadh ann a chur air adhart ann an dòigh a dh'fhaodadh droch bhuaidh a thoirt air taic dhan chànan.

Ann an aiste san aon iris, tha ùghdarran an leabhair a' dol às àicheadh sin agus ag ràdh gur e casaidean gun adhbhar agus gun susbaint a tha am broinn na h-aiste.

Thuirt iad nach deach an aiste an sàs ann am fianais agus susbaint an leabhair agus gur e oidhirp a th' ann status quo nam poileasaidhean Gàidhlig a dhìon.