Fhuaireadh am fosail pterosaur as motha riamh san Eilean Sgitheanach

  • Air fhoillseachadh
PterosaurTùs an deilbh, NAtalia Jagielska
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh ainm Gàidhlig - Dearc Sgiathanach a thoirt air an pterosaur a fhuaireadh san Eilean Sgitheanach ann an 2017.

Chaidh am fosail pterosaur as motha riamh bhon Linn Diùrasaich fhaighinn san Eilean Sgitheanach 's chaidh ainm Gàidhlig a thoirt air - Dearc Sgitheanach.

Tha an cnàmhlach a chaidh fhaighinn ann an 2017 le Comann Nàiseanta a' Chruinn-eòlais ann an staid fìor mhath - chìthear gu follaiseach na fiaclan aige mar ràsar 'son a bhith a' gearradh agus ag ithe.

Bhiodh sgiathan 2.5m air a' chreutar agus bha iad beò mu 170 millean bliadhna air ais.

Tùs an deilbh, Natalia Jagielska

Tha e a-nise ann an Taigh-Tasgaidh Nàiseanta na h-Alba far an tèid barrachd rannsachaidh a dhèanamh air le luchd-saidheans bhon taigh-tasgaidh fhèin, is cuideachd bho Oilthaigh Dhùn Èideann, Cill Rìmhinn, Taigh-Tasgaidh Stafainn, agus Taigh-Tasgaidh an Hunterian ann an Glaschu.

Tearc

A' sgrìobhadh anns an iris Current Biology thuirt oileanach PhD aig Oilthaigh Dhùn Èideann, Natalia Jagielska, gu bheil an dearc a' sealltainn gu bheil pailleon-eòlas na rud a tha daonnan iongantach.

"'S ann ainneamh a chìthear pterosauran ann an staid cho math seo 's mar as trice 's ann ann am Braisil no Sìona a thathas gan lorg. Ach 's ann air cladach an Alba a fhuaireas am fear seo", thuirt i.

Tùs an deilbh, CALLUM BENNETTS
Fo-thiotal an deilbh,

Seo ceann am pterosaur

'S ann aig Rubha nam Bràthairean a chaidh an dearc a lorg agus Amelia Penny a' faicinn peirceall a' tighinn a-mach às a' chlach-aoil.

Le Dùghal Ros bho Thaigh-Tasgaidh Stafainn os cionn chùisean, fhuair iad air an pterosaur a thoirt às a' chreig le a bhith a' cleachdadh sàbh-daoimean 's cabhag orra seo a dhèanamh mus tigeadh an làn a-steach.

Bidh luchd-saidheans a-nise a' coimhead air mar a dheadh aig an dearc a bhith a' sgèith 's ciamar a bha e beò, taobh a-muigh.

A rèir luchd-saidheans bhiodh na creutairean seo a' fàs cho mòr ri itealan cogaidh a chìthear an-diugh, mus deach iad à bith.