Gearan mu aiseagan Arainn
- Air fhoillseachadh
Tha gearanan ann an Arainn mu sheirbheis an aiseig às dèidh dhan MV Caledonian Isles briseadh sìos.
'S e an MV Isle of Arran, a tha nas lugha, a tha air an t-slighe eadar an t-eilean is Àird Rosain air Tìr-Mòr a-nise is CalMac ag ràdh nach urrainn dhaibh àite a ghealltainn do luchd-siubhail.
Chan eil e comasach àite a chur air dòigh air bòrd ro làimh.
Nochd trioblaid le fear de dh'einnseanan an MV Caledonian Isles Didòmhnaich.
Thuirt Caledonian Mac a' Bhriuthainn gum bi i a-nise a-mach à seirbheis ùine airson obair-chàraidh is dùil ri tuilleadh fiosrachaidh Dihaoine.
Thuirt CalMac gum bu chòir do dhaoine siubhail às aonais chàraichean ma 's urrainn dhaibh.
Tha iad cuideachd ag ràdh gun urrainn do dhaoine an t-seirbheis eadar Claonaig is Loch Raonasa a chur gu feum is barrachd sheòlaidhean air an t-slighe sin.
Thabhainn a' chompanaidh leisgeul ach tha daoine san eilean mì-thoilichte, is iad ag ràdh gu bheil seo mar thà air buaidh mhòr a thoirt orra aig àm nuair a tha seirbheisean aiseig gu math trang.