Port Rìgh gun chùram èiginneach rè ùine
- Air fhoillseachadh
![Ospadal Phort Rìgh](https://ichef.bbci.co.uk/ace/standard/976/cpsprodpb/13100/production/_124408087_portree_descolhoun_geograph.jpg)
Tha Ionad a' Chùraim Èiginnich ann am Port Rìgh dùinte re ùine, air sgàth gainnead luchd-obrach.
'S e seo an dàrna turas ann am beagan sheachdainnean a tha an t-ionad seo air dùnadh.
Dhùin Bòrd na Slàinte an t-ionad Dimàirt, agus bidh e dùinte gu 8:00m. Dihaoine an 6mh là den Chèitean.
Fosglaidh e thairis air an deireadh-sheachdain gu 8:00m. Diluain an 9mh là den Chèitean.
Tha dùil gum foillsich Bòrd na Slàinte fiosrachadh a bharrachd an ath-sheachdain.
Gainnead luchd-obrach
Thuirt NHS na Gàidhealtachd gur e gainnead luchd-obrach as coireach agus gun robh iad a' dèanamh na 's urrainn dhaibh gus fuasgladh a lorg.
San eadar-ama tha iad a' moladh do neach sam bith a tha feumach air curam èiginneach NHS 24 fhònadh air 111.
Thuirt iad gu bheil iad duilich mun bhuaidh a bheir seo air daoine.
Dhùineadh an t-ionad seo airson dà là o chionn cola-deug, air an dearbh adhbhar agus e air a bhith dùinte grunn thursan anns an ùine mu dheireadh.