Aiseag Loch Baghasdail ga tharraing rè ùine
- Air fhoillseachadh

Tha Riaghaltas na h-Alba agus CalMac air càineadh fhaighinn às ùr mu na h-aiseagan agus trioblaidean air nochdadh air an t-seirbheis eadar Malaig agus Loch Baghasdail.
Thèid an MV Lord of the Isles a tharraing far na slighe Dimàirt seo tighinn airson obair-càraidh, is cha bhi seirbheis ann fad ochd làithean.
Thuirt Ministear na Còmhdail, Jenny Gilruth, gun tog i an gnothach le CalMac.
Thuirt CalMac nach biodh e comasach soitheach eile a chur air dòigh air an t-slighe san eadar-ama.
Chaidh mì-thoileachas eileanach mun t-suidheachadh a thogail ann am Parlamaid na h-Alba feasgar Diciadain.
Thuirt ball SNP nan Eilean Siar, Alasdair Allan, gu bheil Uibhist a Deas ro thric às aonais seirbheis nuair a nochdas trioblaid teicnigeach air aon de na soithichean air slighean eile, leis gu bheil an cabhlach a' fàs nas sine.
Thuirt e gun robh buaidh mhòr air seirbheisean anns na beagan mhìosan mu dheireadh agus gum bu chòir leasachaidhean a thoirt air adhart san aithghearrachd.
Thuirt labhraiche gnìomhachais agus turasachd a' Phàrtaidh Thòraidhich, Jamie Halcro Johnston, gur e fìor adhbhar uallaich a bh' ann air thoiseach air an t-seusan turasachd.