Ceum mòr dha Cnoc Soilleir

  • Air fhoillseachadh
Cnoc Soilleir

Ghabh leasachadh Cnoc Soilleir ann an Uibhist a Deas ceum mòr air adhart Dihaoine is Ceòlas a' faighinn iuchraichean an togalaich.

'S e dachaigh ùr do Cheòlas agus UHI Innse Gall ann an Uibhist a Deas a bhios anns an togalach ann an Dalabrog.

Fosglaidh e a dhorsan dhan mhòr-shluagh le là fosgailte air an 13mh den Ògmhios.

Às dèidh sin bidh an togalach ùr glè thrang san Iuchar agus an sgoil shamhraidh ainmeil aig Ceòlas gu bhith stèidhichte ann 'son a' chiad turas.

A thuilleadh air sin, 's e seo a' chiad turas a bhios an sgoil shamhraidh ann bho 2019.

"Tha mi cinnteach gu bheil deich bliadhna ann co-dhiù bhon a thòisich bruidhinn air Cnoc Soilleir", thuirt cathraiche Cnoc Soilleir, Màiri NicAonghais.

"An-diugh tha sinn a' comharrachadh nach e làrach togail a th' ann tuilleadh - gu bheil e a-nise leinn fhìn is gu bheil sinn a' dol a bhith a' gluasad ann gu math luath".

Airgead

Dh'innis a' Bh.Ph. NicAonghais gu bheil Ceòlas air an dòigh leis an togalach is deiseil airson samhraidh thrang.

Thuirt i aig an dearbh àm gu bheil obair a' leantainn air an dàrna phìos den phròiseict.

"Chan eil seo ach a' chiad phàirt dheth ach 's e pàirt mhòr a th' ann is feumaidh sinn seo a chur air bhonn gu math an toiseach.

"Tha còrr is an dàrna leth an airgid againn 'son an dàrna phìos - tha faisg air £4m againn - is tha sinn ag obair gu math dlùth ri Comhairle nan Eilean Siar airson a' chòrr fhaighinn", thuirt i.

Dh'innis i gu bheilear an dòchas gum bi an dàrna pìos den phròiseict deiseil an ceann dà bhliadhna.

Tha fàilte ron choimhearsnachd ionadail uile aig an là fhosgailte a bhios ann air an 13mh den ath-mhìos.

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh