Obair-leasachaidh a' tòiseachadh aig Cala Steòrnabhaigh
- Air fhoillseachadh

Tòisichidh obair gu h-oifigeil Diluain airson cala domhain a leasachadh aig port Steòrnabhaigh.
Bidh an obair a' ceadachadh do bhàtaichean nas mòtha - suas ri 360m a dh'fhaid - am port a chleachdadh.
Bidh sin a' freagairt air soithichean mòra do luchd-turais, ach cuideachd bàtaichean bathair agus feadhainn a tha an sàs ann an obair thuathan-gaoithe.
Chuir Ùghdarras Cala Steòrnabhaigh ainm ri aonta £49m leis a' chompanaidh togail McLaughlin and Harvey 'son an an obair a dhèanamh.
Tha an t-ùghdarras ag ràdh gun toir an leasachadh agus na goireasan ùra spionnadh às ùr do dh'eaconomaidh nan Eilean Siar.
Cinnt
Thuirt iad gu bheil dùil gun tig tòrr a bharrachd bhàtaichean mòra turasachd a Steòrnabhagh, a' toirt "barrachd luchd-turais na bh' ann riamh roimhe a Leòdhas is na Hearadh".
Bidh e comasach do luchd-turais coiseachd bhon phort gu meadhan Steòrnabhaigh, ach bidh busaichean air an cur dhaibh cuideachd.
Dh'innis Murchadh Moireach, a bha na chathraiche air Ùghdarras Cala Stèornabhaigh, gun dèan an leasachadh diofar mòr a thaobh nam bàtaichean mòra turasachd.
"Gu ruige seo cha robh cinnt aca, ach a-nise gheibh iad ann an cinnt a bhith ag ullachadh 'son a bhith a' tighinn agus tha sin dol a dhèanamh an eadar-dhealachadh as motha.
"Tha sin a' toirt spionnadh 'son dèanamh cinnteach gu bheil buaidh na h-obrach agus buaidh luchd-turais a bhith a' tighinn gu bhith a' ruighinn a-mach air feadh nan Eilean", thuirt e.

Thog Mgr Moireach cuideachd air buannachdan do roinnean eile, le dùil gun dèan e feum mòr a thaobh leasachaidhean thuathan-gaoithe, is cuideachd a thaobh phlanaichean 'son hub hàidhdreaidein a stèidheachadh ann an Steòrnabhagh.
"Tha am pròiseact a' dol a chiallachadh gu bheil tòrr rudan eile a' dol a thighinn na lùib.
"Tha e a' dol a dh'fhosgladh a-mach comasan a bhith ag obair air gnothaichean a tha ceangailte ri cumhachd na gaoithe aig muir is rudan mar sin.
"Tha mi an dòchas gun cùm an co-obrachadh a' dol 'son dèanamh cinnteach gu bheil seo a' dol a chiallachadh mòran obraichean dhan mhor-shluagh thairis air na bliadhnaichean", thuirt e.
2024
Bidh Leas Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Iain Swinney, an làthair ann an Steòrnabhagh Diluain gus toiseach na h-obrach a chomharrachadh.
Thuirt Mgr Swinney gu bheil a' phròiseact na pàirt chudromach de dh'Aonta nan Eilean.
Bu chòir gum bi an obair dèanta ro dheireadh na h-ath-bhliadhna.
Dh'innis Ùghdarras Cala Steòrnabhaigh gu bheil companaidhean le bàtaichean mòra do luchd-turais mar-thà air leigeil fhaicinn gum bi iad a' tadhal ann an 2024.