Eileanan a bhios càrbon-neòdrach air an ainmeachadh

  • Air fhoillseachadh
RatharsairTùs an deilbh, Peter Paalvast / Geograph

Dhearbh Riaghaltas na h-Alba gum bi Barraigh, Ratharsair agus Ìle am measg eileanan a chaidh a thaghadh airson a dhol càrbon-neòdrach ro 2040.

Bha an Riaghaltas air innse roimhe gun robh plana aca cuid de dh'eileanan na dùthcha a chomharrachadh.

A thuilleadh air Barraigh, Ratharsair agus Ìle, chaidh Hoy ann an Arcaibh, Yell ann an Sealtainn, is Cumaradh Mòr a thaghadh.

Planaichean ionadail

Tha an gluasad mar phàirt de Phlana Neòdrachd-Chàrboin nan Eilean aig Riaghaltas na h-Alba.

Dh'innis Rùnaire nan Cùisean Dùthchail agus nan Eilean, Màiri Gougeon, gun deach na sia eileanan a thaghadh às dèidh chòmhraidhean le ùghdarrasan ionadail is riochdairean eileanach.

Thuirt i gu bheil dùil gun tog eileanan eile air na cleachdaidhean a thig às a' phròiseict.

Thèid aithisg fhoillseachadh as t-Samhradh leis na planaichean a th' ann airson gach eilein.