Saor-phort - obraichean is ùrachadh ga ghealltainn

  • Air fhoillseachadh
Gàrradh Bhàgh an EigeTùs an deilbh, Getty Images

Tha a' bhuidheann a tha air cùlaibh tagradh gus inbhe shaor-phort uaine a bhuileachadh air Linne Chrombaigh ag ràdh gun toireadh e ùrachadh mòr air eaconamaidh na sgìre agus gun cruthaicheadh e na mìltean chosnaidhean air feadh na dùthcha.

Thuirt Cothrom Linne Chrombaigh gur e sin am beachd a thàinig am bàrr bho rannsachadh agus eòlaichean ionmhais.

Thig am pròiseas thairgsean gu ceann air an ath-mhìos agus tha a' bhuidheann ag ràdh gum biodh am fòcas aca air cumhachd ath-nuadhachail na chuideachadh do riaghaltasan Lunnainn is Dhùn Èideann gus an amasan a choileanadh.

Gheibh buidhnean is gnothachasan a bhios anns na saor-phuirt uaine buannachdan seach gur e sgìrean eaconomach sònraichte a bhios annta a bhios saor bho riaghailtean chìsean àbhaisteach.

'S e dà shaor-phort uaine a thèid a thaghadh an Alba.

Nochd grunn sgìrean an Alba ùidh anns an inbhe an-uiridh.