Asda an Àth Leathainn dùinte "an dlùth-phàirteachas le muinntir Phailistin"

- Air fhoillseachadh
Tha Asda ag ràdh gu bheil iad ag obair gus a' bhùth agus stèisean-peatroil aca san Àth Leathann fosgladh às ùr, an dèidh dhaibh dùnadh "gu neo-oifigeil" Diardaoin.
Nochd soidhne air an doras ag ràdh nach frithileadh iad ach carbadan èiginneach "ann an dlùth-phàirteachas le muinntir Phailistin".

Thuirt neach-labhairt do Asda:
"Tha fhios againn gu bheil a' bhùth againn san Eilean Sgitheanach dùinte an-dràsta.
"Tha sinn ag obair gus a' bhùth fhosgladh às ùr cho luath 's a ghabhas agus bu mhath leinn leisgeul a thabhann airson trioblaidean sam bith a dh'adhbharaich seo san eadar-ama."