Eilthireachd nan eileanach san là a dh'fhalbh is an là an-diugh ga dheasbad

Daoine a' fàgail soraidh slàn aig an fheadhainn a bha a' falbh Tùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Tha eòlaichean air tighinn cruinn ann an Steòrnabhagh airson co-labhairt a' bhios a' coimhead air buaidh na h-eilthireachd a rinn eileanaich thar nam bliadhnaichean air an àite às an do dh'fhalbh iad agus air na dachaighean ùra aca.

Chuir na mìltean - cuid a chuireadh às na bailtean aca agus cuid le an toil fhèin - cùl ri àite an eòlais eadar an 18mh agus an 20mh Linn a' sireadh beatha ùir ann an dùthchannan mar Chanada agus Astràilia.

Thàinig am beachd-smuain airson leithid de chruinneachadh às na bha a' dol ann an 2023 airson comharrachadh gun robh 100 bliadhna ann on sheòl am Metagama agus am Màrloch a Chanada le na ceudan de dh'eileanaich air bòrd.

Fhuair ionad-dualchais Comhairle nan Eilean Siar taic bho Thaighean-tasgaidh is Gailearaidhean na h-Alba airson a chur air dòigh.

Tha Colin George Moireasdan bhon ionad-dualchais ag ràdh gur e cothrom a th' ann "neartachadh nan ceanglaichean eadar na coimhearsnachdan gach cuid sna h-eileanan agus thall thairis".

Bidh eòlaichean ann à Alba, Canada, na Stàitean Aonaichte agus Astràilia a' bruidhinn aig a' cho-labhairt.

'S i an t-Ollamh Marjorie Harper à Oilthigh Obair Dheathain a bheir seachad a' phrìomh òraid

Bidh an seinneadair agus an neach-rannsachaidh, Mairead Stiùbhart, cuideachd a' bruidhinn air a' bhàrdachd agus na h-òrain a thàinig às na dh'fhiosraich na Gàidheil a dh'fhalbh.

Ged a bhios iad a' coimhead air ais tha e gu math cudromach gum bi iad a' coimhead air buaidh eilthireachd air a' choimhearsnachd san là an-diugh, tha Colin George Moireasdan ag ràdh.

"Bidh sinn a' coimhead air adhart ri bhith a' faighinn a-mach bhon fheadhainn a bhios a' bruidhinn air na beachdan a th' aca agus cuideachd an t-eòlas a tha iad air faighinn," thuirt e.

Bidh a' cho-labhairt ann airson trì là agus bidh cothrom aig daoine èisteachd ri na h-òraidean air loidhne.