'Sealltainn gu dùr riutha' ga mholadh 'son eagal a chur air faoileagan

- Air fhoillseachadh
Chuala Buill-Phàrlamaid Albannach gum bu chòir do dhaoine na gàirdeanan aca a chrathadh gu h-àrd agus "sùilean googly" a chur air bogsaichean bìdh airson bacadh a chur air faoileagan bho bhith a' dèanamh orra.
Mhol NàdarAlba cuideachd gum bu chòir do dhaoine sealltainn gu dùr ri faoileagan leis nach eil sin a' còrdadh riutha.
Nochd na molaidhean ceann ann an Holyrood nuair a bhathar a' ceasnachadh Ministear an Àiteachais, Jim Fairlie, mu na thàinig às an àrd-choinneimh mu thrioblaid nam faoileagan ann an Inbhir Nis an t-seachdain a chaidh.
Thuirt e gun robh cuid de mholaidhean NàdarAlba "gòrach", ach gun robh e air innse don bhuidhinn riaghaltais gum feumar "fuasglaidhean practaigeach".
- Air fhoillseachadhBho chionn 1 latha
- Air fhoillseachadh31 Am Faoilleach
Chuir Riaghaltas na h-Alba a' choinneamh air dòigh agus draghan ann mun bhuaidh a bh' aig na h-eòin sna bailtean air a' phoball.
Thathar a' gearan mun fhuaim a nì iad, an cuid salachair agus gu bheil iad a' toirt ionnsaigh air daoine a tha ag ithe a-muigh.
Thuirt Mgr Fairlie ris na buill-phàrlamaid gum feumar cuimhneachadh gu bheil na h-eòin air an dìon fon lagh, agus gun tàinig lùghdachadh mòr air na tha de chuid de ghnèithean faoileige
Am measg nam bacaidhean air a bheilear a' beachdachadh tha uidheamachd air mullaichean thogalaichean airson stad a chur air na faoileagan bho bhith a' neadachadh ann, agus gun uimhir de chothrom a thoirt dhaibh biadh fhaighinn à binichean sgudail.