Fhuaireadh inneal-fuilt "air leth tearc" bho na Meadhan-aoisean aig caisteal

GravoirTùs an deilbh, DUNCAN MCGLYNN
  • Air fhoillseachadh

Tha arceòlaichean ag ràdh gun d' fhuaireadh nì fasain "eagalach fhèin tearc" bho na Meadhan Aoisean aig caisteal air a' Ghàidhealtachd.

'S e nàdar de chìr ris an canar gravoir bhon 13mh Linn a th' ann agus lorgadh i nuair a bhathar a' dèanamh cladhaich aig Caisteal Eilean Donnain ann an Caol Loch Aillse.

Chaidh an uidheam a dhèanamh an cumadh snàthaid le cabar-fèidh agus bhiodh iad ga chleachdadh airson falt a ghrumadh.

Cha d' fhuaireadh ach dà ghravoir coltach ris san Rìoghachd Aonaichte, le chèile ann an Lunnainn, agus tha iad "air leth tearc", a rèir an Dr Alice Blackwell, bho Thaighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba.

Thuirt i: "'S ann às an Fhraing a tha e agus tha e coltach gun do sgap am fasan aca airson stoidhlean-fuilt leòmach air feadh cheann a tuath na Roinn Eòrpa san 13mh Linn.

"'S e tha cho inntinneach mun ghravoir a lorgadh an Eilean Donnain gu bheil e a' sealltainn a' cheangail seo eadar àrd-fhasan Eòrpach, ach gu bheil e air a dhèanamh à stuth às an àite."

Fhuaireadh cuideachd broidsichean agus prìneachan aodaich aig an làraich cho math ri cnàmhan bheathaichean agus cupanan beaga a bhathar a' cleachdadh airson co-mheatailt copair, airgead agus òr a leaghadh.

'S e fianais a tha sin, a rèir nan eòlaichean, gun robhar a' cruthachadh seudraidh aig a' chaisteal.

Bha Caisteal Eilean Donnain air tè de phrìomh dhachaighean tighearnas na meadhan-aoise eadar an 13mh agus an 15mh linntean.