Caoraich Hiort: "Thathar a' leigeil le pian is fulangas"

Caora air Hiort
Tùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Thathar a' leigeil leis na ceudan chaorach ann an Hiort bàsachadh leis an acras a h-uile bliadhna, a rèir dithis bheataichean ann an Uibhist.

Tha Daibhidh Buckland is Graham Charlesworth air na draghan a th' orra mu na beathaichean a thogail às ùr ann am prògram sònraichte aig Eòrpa.

Tha na bheataichean ag ràdh gu bheil e na bhristeadh-dùil mòr dhaibh nach eil Riaghaltas na h-Alba air a bhith deònach a dhol an sàs gus caoraich Hiort a chuideachadh.

Chaidh na caoraich fhiadhaich a bhiodh muinntir Hiort a' cumail fad linntean fhàgail sna h-eileanan nuair a dh'fhalbh an sluagh gu tìr-mòr ann an 1930.

Caora is uan

Tha feurach math ann dhaibh, agus tha luchd-saidheans air a bhith gan sgrùdadh fad iomadh bliadhna, 's iad cho faisg air caoraich fhiadhaich 's a th' ann am Breatainn.

Ach a h-uile bliadhna, a rèir sgrùdaidh a rinn na bheataichean ann an Uibhist air dàta mu na caoraich Hiortach a tha ri fhaighinn dhan phoball, tha na ceudan dhiubh a' bàsachadh leis an acras.

"Fhuair sinn gun robh an ìre bhàis san eilean aig 35% de na caoraich sa bhitheantas, an ìre chuibheasach bhliadhnail, agus 25% de na h-uain a' bàsachadh sa bhitheantas," thuirt Daibhidh Buckland.

Caora mharbh

Nuair a choimheadar ri àireamhan, seach ceudad, tha an dàta nas iongantaiche.

Thog Mgr Buckland air aithris bho Phròiseact nan Caorach Hiortach ann an 2022 a thuirt gun robh ìre mheadhanach àrd de bhàs ann.

Thuirt e nuair a rinn na bheataichean fhèin sgrùdadh air na figearan gun d' fhuair iad gun robh an ìre mheadhanach àrd sin co-ionnan ri 987 caoraich, is le 33% de dh'uain a' faighinn bàs.

'S ann a' bàsachadh leis an acras a tha mòran de na caoraich.

"Chan eil fhiosam ciamar as urrainnear a dhol às àicheadh gu bheil na caoraich a' fulang gun adhbhar," tha Graham Charlesworth ag ràdh.

"Tha pian agus fulangas nàdarra ach an-iochd, 's e rud a chruthaich Mac-an-duine a tha siud, agus gu ìre tha sinn ag ràdh gu bheil sin ceart gu leòr ann an Hiort.

"Tha tòrr den phian is fulangas ann an Hiort, ghabhadh a sheachnadh. Dhomhsa dheth 's e an-iochd a tha sin oir tha sinn a' leigeil leis tachairt.

"Chuir sinn rud air dòigh bho shean nach eil sinn deònach a chur ceart."

Eòrpa: Caoraich Hiort

Tha Shona NicDhòmhnaill a’ cluinntinn chasaidean gu bheilear a’ leigeil le na ceudan de chaoraich fiadhaich ann an Hiort bàsachadh leis an acras gach bliadhna.

Tha Pròiseact nan Caorach Hiortach air a bhith a' sgrùdadh an treud ann an Hiort fad 40 bliadhna.

Bithear a' trusadh fiosrachaidh leithid na h-àireimh dhiubh a th' ann, agus DNA, 's a h-uile càil ga sgrùdadh 'son atharrachaidhean sam bith a chlàradh.

Tha iad a' togail ceist mu mar a chleachd na bheataichean am fiosrachadh.

"Chan eil sinn dha-rìribh ag aithneachadh nam figearan aca," thuirt ceannard a' phròiseict, an t-Oll Josephine Pemberton.

"Dh'fheuch mi ri rudeigin a chunnaic mi bhon bheat obrachadh a-mach mu na h-àireamhan. Cha b' urrainn dhomh a cheangal suas.

"Tha fhios agam gu bheil iad a' cleachdadh nan aithisgean bliadhnail againn, ach saoilidh mi gu bheil iad a' dèanamh cus dheth sa mhòr-chuid, an taca ris na figearan againne."

Dh'iarr na bheataichean dearbhadh gu bheil iad ceàrr.

"Ann an dòigh, ma tha thu nad bheat, chan e na h-àireamhan a tha a' bàsachadh ach an dòigh sam bàsaich iad," thuirt Mgr Buckland.

"Chan e deagh bhàs a th' ann le cion a' bhìdh. 'S e am fulang a tha a' cur dragh oirnn. Agus tha na h-àireamhan mòr dha-rìribh."

An t-Oll Josephine Pemberton
Fo-thiotal an deilbh,

Tha An t-Oll Josephine Pemberton den bheachd gur e beathaichean fiadhaich a th' ann an caoraich Hiort

Bha Mgr Buckland is Mgr Charlesworth air athchuing a thogail mun chùis ron seo.

Tha Urras Nàiseanta na h-Alba, air a bheil uallach 'son gnothaichean a ruith ann an Hiort, ag ràdh gun tàinig freagairt shoilleir aig an àm.

"'S e freagairt an àrd-bheat gu bheil na beathaichean seo fiadhaich. Nam biodh tu ag ràdh gu bheil iad air an cumail, dh'fheumadh tu leithid de dh'inbhe a chur air gobhair, is tha tòrr ghobhar a tha fiadhaich," thuirt Diarmid Hearns bhon Urras Nàiseanta.

Bha Riaghaltas na h-Alba air dearbhadh ann an 2020 nach eil caoraich Hiort gan dìon san lagh fo Achd na Slàinte 's Maith Bheathaichean 2006.

Dh'iarr Eòrpa agallamh leis an riaghaltas ach cha robh iad deònach pàirt a ghabhail sa phrògram.

Ann am brath sgrìobhte, thuirt iad "gur e am breithneachadh air caoraich Shòthach Hiort gur e creutairean fiadhaich a th' annta air sàilleibh mar a tha iad tro eachdraidh air tighinn beò fad ghinealaichean gun stiùireadh".

Graham Charlesworth
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Graham Charlesworth ag ràdh gum bu chòir taic shònraichte a bhith ann dha na caoraich

Tha an riaghaltas ag ràdh gu bheil an teud air an dìon fo lagh eile, Achd nam Mamalan Fiadhaich, mar a tha fèidh.

Agus tha an deasbad sin a tha aig cridhe a' ghnothaich - an e beathaichean fiadhaich no beathaichean a tha air an cumail - gus leantainn.

"Ma 's e treud de bheathaichean a th' ann a th' air an cumail, chì mi an trioblaid, ach mar threud de bheathaichean fiadhaich saoilidh mi gum bu chòir leigeil le nàdar cùisean a riaghladh," thuirt an t-Oll Josephine Pemberton.

Beachd ris nach gabh bheataichean Uibhist.

Tha Graham Charlesworth ag ràdh gu bheil e doirbh dha gabhail ri seasamh an riaghaltais.

"Tha daoine anns a' ghnìomhachas agam fhìn air a bhith nam bristeadh-dùil dhomh.

"Carson a bhiodh tu a' roghnachadh a bhith a' leigeil le beathaichean bàsachadh leis an acras - mar a tha e air a chlàradh?

"Carson nach biodh tu a' comhairleachadh dha Riaghaltas na h-Alba coimhead dhan àm ri teachd is rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn seo?"