Biadh-sgoile air drònaichean an Earra-Ghàidheal

  • Air fhoillseachadh
DrònTùs an deilbh, Caoimhin MacFhloinn

Dh'fhaodadh gur e Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid a' chiad ùghdarras ionadail ann am Breatainn a lìbhrigeas biadh gu sgoiltean le drònaichean.

Tha deuchainnean air a bhith a' dol le biadh a chaidh a dheasachadh aig Bun-sgoil na Pàirce san Òban air a sgèith 1.5 cilemeatair gu Bun-sgoil Loch nan Eala.

Bha na deuchainnean soirbheachail agus thathas a' coimhead a-nis air an sgeama a leudachadh dha na h-eileanan.

Thuirt a' Chomhairle gur e dòigh a tha seo air biadh-sgoile fhaighinn gu sgoiltean dùthchail is eileanach nas luaithe agus aig prìs nas saoire. Dh'innis iad gu bheil an sgeama math a thaobh na h-àrainneachd cuideachd is na drònaichean air an ruith le dealan.

Tha an sgeama na phàirt de phlanaichean gus ionad dhrònaichean a stèidheachadh aig Port-adhair an Obàin.

"Cothroman"

Fhuaireadh £170,000 bho Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte roimhe gus iarrtas-dealbhachaidh a dhèanamh. Thathas an dòchas gum bi an t-ionad air a thogail ron Mhàrt 2025.

"Tha sinn airson is gum bi na dearbh sheirbhisean aig coimhearsnachdan dùthchail is eileanach 's th' aig a h-uile duine eile", thuirt ceannard Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, Robin MacMhuirich.

"Tha cothroman mòra an seo leis na drònaichean is chan eil àite nas fheàrr na Earra-Ghàidheal is Bòd airson nan deuchainnean seo. Chunnaic sinn mar-thà cungaidhean riatanach air an lìbhrigeadh dha na h-eileanan againn le drònaichean agus tha sinn a-nise airson dèanamh cinnteach gum faigh gach sgoilear cothrom air biadh-sgoile fallain.

"'S e dìreach toiseach-tòiseachaidh a tha seo - bidh cothrom againn tòrr a dhèanamh le drònaichean bho Phort-adhair an Òbain", thuirt e.

Gheibh daoine cothrom coimhead air an teicneolas air là fosgailte aig Port-adhair an Òbain air an 25mh den Ògmhios.