Dearbhadh gun dùin dachaigh-cùraim a' Bhugha Mhòir
- Air fhoillseachadh

Thàinig dearbhadh aig coinneimh Diardaoin nach tèid dachaigh-cùraim a' Bhugha Mhòir am Port Rìgh a ghabhail os làimh le NHS na Gàidhealtachd, is gun dùin i aig deireadh na h-ath-mhìos.
Dh'innis an NHS gum bi e ro chosgail an t-àite a thoirt gu ìre, le cho dona 's a tha staid an togalaich, ach thuirt luchd-iomairt gun cùm iad orra a' stri an aghaidh a' cho-dhùnaidh.
Fhuair sgrùdadh a rinneadh às leth NHS na Gàidhealtachd air staid an togalaich, gun cosgadh e faisg air £5m a chàradh, 's a thoirt gu ìre far an gabhadh e cumail fosgailte.
B' e gun gabhadh an NHS an dachaigh os làimh am fuasgladh a bha teaghlaichean an luchd-còmhnaidh ag iarraidh, an dèidh do ChrossReach, a' bhuidheann a th' air a bhith ga ruith às leth Eaglais na h-Alba, innse nach robh dòigh ann sam b' urrainn dhaibhsan a chumail a' dol agus gum feumadh an dachaigh dùnadh.
Thàinig dearbhadh bhuapasan Diardaoin gur ann deireadh an Iuchair a thachras sin, agus an luchd-còmhnaidh gu lèir gan gluasad an uair sin a-steach a dhachaigh-cùraim Home Farm sa bhaile - àite a tha ga ruith leis an NHS.
Thuirt teaghlaichean an luchd-còmhnaidh gu bheil iad feargach mun cho-dhùnadh seo, agus gun cùm iad orra a' strì a chùm Bugha Mòr a chumail fosgailte.