Buidheann ùr ag amas air buannachd à leasachadh gaoithe

  • Air fhoillseachadh
Crann

Chaidh buidheann ùr a chruthachadh ann an Leòdhas 'son a bhith ag obair a dh'ionnsaigh buannachd dhan choimhearsnachd à leasachadh ath-nuadhachail.

Tha Buidheann Oighreachdan an Taobh Siar a' toirt a-steach Oighreachd Ghabhsainn, Oighreachd Bharbhais is Oighreachd Chàrlabhaigh - a tha uile ann an làmhan nan daoine - is Urras Leasachaidh Coimhearsnachd Bheàrnaraigh, far a bheil an sluagh ag amas air an oighreachd a cheannach.

Tha Oighreachd Dhail Mòr - a tha ann an làmhan prìobhaideach - cuideachd sa bhuidhinn.

Tro phròiseact ScotWind, chaidh còraichean leasachaidh a thoirt seachad 'son tuathan-gaoithe aig muir a thogail far chosta na h-Alba.

Tha trì raointean far Leòdhais san sgeama is tha Buidheann Oighreachdan an Taobh Siar a' coimhead gu sònraichte air raon N4, a tha mu 5km far chosta Leòdhais eadar Càrlabhagh is Barbhas.

Conaltradh

Chaidh na còraichean leasachaidh an sin chun na companaidh Northland.

Ged nach eil dleastanas air luchd-leasachaidh còmhradh ri coimhearsnachdan faisg air làimh, tha Buidheann Oighreachdan an Taobh Siar agus Comhairle nan Eilean Siar air conaltradh a thòiseachadh gus am faigh daoine fiosrachadh mun leasachadh agus na buannachdan a dh'fhaodadh a bhith ann.

Chaidh Aonta Tuigse a stèidheachadh, ach tha Buidheann Oighreachdan an Taobh Siar a' dèanamh soilleir nach eil seo a' ciallachadh gu bheil taic na coimhearsnachd ann airson an leasachaidh, ach gu bheil e a' sealltainn gu bheil iad fhèin agus a' Chomhairle airson is gum bi fios aig daoine dè tha a' tachairt, agus buannachd cho math 's a ghabhas fhaighinn.

Thuirt Buidheann Oighreachdan an Taobh Siar gu bheil iad mothachail gu bheil feum mòr air leasachadh a thoirt air cumhachd ath-nuadhachail, ach gum feumar seo a dhèanamh san dòigh cheart.

Thuirt iad gum faigh a' choimhearsnachd cothrom beachd a thoirt seachad aig ìre-dhealbhachaidh ann an 2024/25.