Cumhachd air ais buileach às dèidh Stoirm Floris

- Air fhoillseachadh
Tha an dealan air ais aig a h-uile dachaigh an ceann a tuath na h-Alba a-nis is gu leòr air a bhith às aonais bho bhuail Stoirm Floris an dùthaich Diluain.
Fhuair na daoine mu dheireadh cumhachd air ais anns a' mhadainn Dihaoine.
Rinn Stoirm Floris gu leòr cron Diluain le craobhan a' tighinn sìos air loidhnichean dealain is eile air a' Ghàidhealtachd, an Siorrachd Obar Dheathain agus ann am Moireibh.
Chaill na mìltean an dealan agus b' ann Dihaoine a chaidh a thilleadh chun na daoine mu dheireadh anns a' cheann a tuath a bha às aonais.
Dh'innis a' chompanaidh chumachd SSEN gun robh a h-uile dachaigh air an ceangal air ais ris a' ghriod anns a' mhadainn Dihaoine.
Thuirt SSEN gun robh obair mhòr ann an dealan a thilleadh is shamhlaich iad Stoirm Floris ri droch stoirm tron gheamhradh.
Thug iad taing dhan luchd-cleachdaidh airson a bhith foighidneach.
Tha iad ag ràdh gun thill iad an dealan gu faisg air 72,000 dachaigh uile gu lèir.