Maighstir Diarmaid agus am Frìth-Ath-Leasachadh

An ìomhaigh agus uinneag dhathte air a cùlaibh
Fo-thiotal an deilbh,

Bha Maighstir Diarmaid Ó Dubhagáin am measg shagairtean à Èirinn a chaidh a chur a ghlèidheadh na h-Eaglaise Caitligich an Alba aig àm an Ath-Leasachaidh

  • Air fhoillseachadh

Chaidh ìomhaigh fhoillseachadh agus a bheannachadh ann an Uibhist oidhche Chiadain de Mhaighstir Diarmuid Ó Dubhagáin, an sagart a tha air a mheas mar an neach a chuir stad air an Ath-Leasachadh bho a bhith a' faighinn bun-stèidh ann an Uibhist a Deas, Barraigh agus eileanan eile anns an 17mh Linn.

Còmhla ri daoine bho iomadh paraiste an Uibhist bha sagartan bhon Òrdugh Vincentian dham buineadh Maighstir Diarmaid.

Bha Maighstir Diarmaid air fear de na sagairtean à Èirinn a chaidh a chur a dh'Uibhist mar phàirt den Fhrìth-Ath-Leasachadh.

Stèidhichte aig seamanaraidh na h-Eaglaise Caitligich ann am Má Nuad an Contae Chill Dara, chuir an iomairt seo an aghaidh an Ath-Leasachaidh ann an Alba, a' glèidheadh na h-Eaglaise Caitligich - a bha mì-laghail aig an àm - ann an cuid de sgìrean den dùthaich.

"Rinn Clann Raghnaill athchuing chun a' Phàpa ag iarraidh gun deadh sagairtean le Gaeilge a chur dha na h-eileanan, bhon bha gainnead shagairtean ann aig an àm," thuirt Maighstir Mìcheal Dòmhnallach, sagart Paraiste Bhòrnais.

Chuireadh dithis ann - Diarmaid Ó Dubhagáin, agus Proinnseas Mac Giolla Bháin, ach cha do ràinig Maighstir Proinnseas.

An ìomhaigh
Fo-thiotal an deilbh,

Chan iarradh Maighstir Diarmaid gum biodh fios aig daoine gur e sagart a bh' ann, 's bhiodh èideadh air a bheireadh a chreid gur e marsantach a bh' ann

Aig an àm bha luchd-coiteachaidh a' brosnachadh Pròstanachais san sgìre, 's an Eaglais Chaitligeach air a cur sìos.

"Tha e na phàirt de rud ris an can sinn am Frìth-Ath-Leasachadh - gluasad anns an Eaglais Chaitligich a bha a' dol san 17mh Linn," thuirt Maighstir Mìcheal.

"Chan e gun do chuir e stad air Eaglais na h-Alba bho bhith a' faighinn a-steach.

"Thàinig a' chiad mhisean bho na Proinnseasaich toiseach na 17mh Linne, 1615, ach cha do lean iad air adhart air a' mhisean sin.

"Tha mise den bheachd, den a h-uile duine aca a thàinig an seo, gur esan a bu chudromaiche dhiubh."

B' e Maighstir Mìcheal a thàinig suas leis a' bheachd airson an ìomhaigh-shnaighte a choimiseanadh, agus thàinig Easbaig Earra-Ghàidheal 's nan Eilean, Brian McGee, a chumail an aifrinn bheannachaidh.

"Duine a bha gu math treun, saoilidh mi. Bha e na aonar, 's thàl e daoine gu Crìosda," thuirt e.

"'S rèitich e mu 10,000 duine.

"Saoilidh mi, dhuinn fhèin an-diugh, gheibh sinne brosnachadh bho chuideigin leithid Dhiarmaid, a dh'aidich e fhèin cho beag 's a bha e, 's a laigse, ach a bha a' creidsinn gu mòr ann an cumhachd Dhè a bha ag obair tron laigse a bh' ann fhèin."

Uinneag dhathte
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh uinneag dhathte a dhealbh cuide ris an ìomhaigh shnaighte

Còmhla ris an ìomhaigh-shnaighte fhiodha, chaidh uinneag dhathte a dhealbhachadh le Ward Hawes, a tha na ball den Eaglais Chaitligich ann an Uibhist a Deas.

Leis gun robh Caitligeachd mì-laghail aig an àm, cha robh Maighstir Diarmaid airson 's gun aithnicheadh daoine gur e sagart a bh' ann.

Tha an ìomhaigh ga shealltainn san riochd a bha e a' cur uime fhèin - coltas marsantaich, 's e na shuidhe mar thidsear a' teagasg.

Air a chùlaibh, tha an uinneag dhathte, air a dèanamh làidir gu leòr airson seasamh ris an aimsir, ann an riochd lasair.

Tha 400 bliadhna ga chomharrachadh am-bliadhna bho chaidh an t-Òrdugh Vincentian a stèidheachadh.

An làthair aig an aifreann bheannachaidh, bha Maighstir Mìcheal McCullagh, a bhuineas dhan òrdugh sin.

"Tha Maighstir Mìcheal MacDhòmhnaill an seo air aiseirigh a dhèanamh air cuimhne bho 400 bliadhna air ais," thuirt e.

"Tha mi a' faireachdainn gun cuir an tachartas seo spionnadh annam.

"Thèid mi air ais làn dealais nuair a chì mi cumhachd aon duine."