Cleas-meallaidh ga fheuchainn ann am Barraigh

BarraighTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Chuir Poileas Alba ìmpidh air luchd-aoigheachd agus luchd-tadhail a bhith air am faiceall agus aithrisean ann mu phuist-dealain fhuadain a tha ag amas air daoine a tha air àite-fuirich a chur air dòigh ann am Barraigh.

Tha taigh-òsta san eilean ag ràdh gu bheil grunn aoighean a tha an dùil tadhal orra air puist-d fhuadain fhaighinn ag iarraidh orra fiorsachadh banca a thoirt seachad gus an t-àite-fuirich aca a dhearbhadh.

Thàinig na puist-d bho shèoladh aig nach eil ceangal ris an taigh-òsta.

Dh'iarr na Poilis air luchd-aoigheachd agus luchd-tadhail a bhith mothachail gu bheil an cleas-meallaidh seo a' tachairt.

Thuirt na Poilis gu bheil an sgrùdadh aca a' leantainn.