Briseadh-dùil do Chumhachd Coimhearsnachd an Taobh Siar

Niall MacFhionghain
  • Air fhoillseachadh

Fhuair a' bhuidheann a tha air cùl pròiseict chumhachd air Mòinteach Bharabhais ann an Leòdhas briseadh-dùil.

Tha Cumhachd Coimhearsnachd an Taobh Siar, a tha a' toirt a-steach urrasan oighreachd Ghabhsainn, Bharabhais agus Chàrlabhaigh, airson naoi crainn-gaoithe de chòrr is 100 meatar de dh'àirde a thogail.

Bha aonta aca le SSEN airson gun deadh an ceangal ris a' Ghriod Nàiseanta.

Ach tha SSEN air a dhol air ais air sin 's a ràdh nach eil rùm gu leòr air a' ghriod aig an ìre seo.

A dh'aindeoin sin tha a' bhuidheann an dòchas gun gabh gluasad air adhart leis an sgeama.

"Tha sinn an dòchas fhathast gum bi rùm a' tighinn an-àirde," thuirt Manaidsear Leasachaidh Urras Oighreachd Ghabhsainn, Niall MacFhionghain.

"Pròiseactan eile mar Spiorad na Mara tha iad aig ìre gu math tràth an-dràsta. Cha d' fhuair iad cead fhathast bhon Riaghaltas.

"Tha iad ag iarraidh 900MW, ach 's dòcha nach fhaigh iad sin. 'S dòcha nach fhaigh iad rud sam bith.

"Tha sinn an dòchas gum bi car no dhà ann fhathast, agus dòchasach gum bi rudeigin ag atharrachadh," thuirt e.

Thuirt SSEN Transmission gun obraich iad còmhla ri gach buidheann a bhios an sàs ann an cumhachd ath-nuadhachail anns na h-Eileanan Siar gus an cuideachadh ceangal ris a' ghriod agus gun cùm iad orra a' moladh leasachaidhean anns a' ghnìomhachas airson taic a chur ri buidhnean coimhearsnachd.