Fàilte air lasachadh air faraidhean adhair
- Air fhoillseachadh

Chuir Comhairle nan Eilean Siar fàilte air lasachadh ùr aig Loganair air cuid de shlighean adhair, ach dh'iarradh iad faochadh airson a h-uile slighe anns na h-eileanan.
Bidh na faraidhean eileanach ùra do bhuill dhan sgeama ADS dìreach air dhà de sheirbheisean Steòrnabhaigh.
Bidh iad cho ìosal ri £50 aon taobh.
Tha buill dhan sgeama ADS ann an Arcaibh, Sealtainn agus anns na h-Eileanan an Iar a' faighinn prìsean nas ìsle air cuid de sheirbheisean a-nis.
Anns na h-Eileanan Siar, 's e dìreach dà sheirbheis a gheibh buannachd: eadar Steòrnabhagh is Dùn Èideann agus eadar Steòrnabhagh is Inbhir Nis.
Dh'iarradh Comhairle nan Eilean Siar na prìsean ùra a leudachadh gu gach seirbheis eileanach.
Thuirt cathraiche còmhdhail an ùghdarrais, Ùisdean Robastan, gu bheil e mì-chothromach - agus gum faodadh seo cur ris an argamaid airson PSO a chur an sàs am Beinn nam Fadhla.