Coinneamh mu theintean-monaidh is mar a ghabhas bacadh a chur orra

Teine mòintichTùs an deilbh, Bright Spark Burning Technologies
  • Air fhoillseachadh

Bidh eòlaichean a' cruinneachadh am Baile nan Granndach Dimàirt a bhruidhinn air mar a dhèilig iad ri na teintean fiadhaich as motha an cuimhne dhaoine an Alba am-bliadhna agus na bhios a dhìth airson an seachnadh.

Chaidh còrr is 200 teine-monaidh a chlàradh feadh na dùthcha ann an 2025.

Nam measg bha am fear air Mòinteach Damhath am Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh agus dùil gur e am fear a bu mhiosa a-riamh an Alba.

Rinn e milleadh mòr air an tìr, fiadh-bheatha agus an àrainneachd.

Bidh riochdairean bho Riaghaltas na h-Alba, Seirbheis-smàlaidh na h-Alba, manaidsearan fearainn agus buidhnean glèidhteachais aig an an àrd-choinneimh.

Bidh Ministear an Àiteachais, Jim Fairlie, agus Ministear na Sàbhailteachd Coimhearsnachd, Siobhian Brown, le chèile os cionn na coinneimh.

Thuirt Mgr Fairlie: "Rinneadh obair mhòr, mhòr air na h-uimhir de làraichean airson dèiligeadh ri na bh' againn de theintean-monaidh am-bliadhna, agus tha sinn air leth taingeil dhaibhsan a bha a' cuideachadh.

"'S e cothrom a tha seo coimhead air na dh'obraich, agus dè na leasanan a dh'fheumas sinn ionnsachadh bho na thachair."

Am milleadh a rinn teine mòr air mòintich an Damhath
Fo-thiotal an deilbh,

Rinn an teine air Mòinteach Damhath milleadh mòr air an tìr agus fiadh-bheatha

Sgap na teintean air a' bhlàr a-muigh thairis air còrr air 11,000 hectair ann an Drochaid Chàrr agus Damhath san Ògmhios agus toiseach an Iuchair.

Tha eòlaichean den bheachd gun deach na mìltean de bheathaichean agus fiadh-bheatha eile a mharbhadh - guilbnich, iseanan circe-fraoiche agus gearran nam measg.

A rèir aithris, chaidh an ceò cho fada air falbh ri 40 mìle tarsainn Linne Mhoreibh.

Heileacoptair a' dòrtadh uisge air teine monaidh
Fo-thiotal an deilbh,

Chleachdadh uisge airson teintean a chur às as t-samhradh

Chaidh mòine dhomhainn a chaidh a chruthachadh thar nam mìltean de bhliadhnaichean a losgadh.

Bidh buaidh mhaireannach aig a' mhilleadh seo air an àrainneachd a rèir Chailein Mhic'illEathain, manaidsear fearainn Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh.

Thuirt e gur e cothrom a bh' anns an àrd-choinneimh airson "còmhraidhean cudromach" a thaobh mar as fheàrr a thèid dèiligeadh ri teintean-monaidh agus bacadh a chur orra.

Thuirt àrd-oifigear Seirbheis-smàlaidh na h-Alba (SFRS), Jon Henderson: "Chan fhaca Alba a-riamh na h-uimhir de chunnart ro theintean-monaidh 's a bha am-bliadhna.

"Feumar tòrr luchd-obrach airson dèiligeadh riutha agus faodaidh iad losgadh airson grunn làithean agus milleadh mòr a dhèanamh air an talamh agus fiadh-bheatha."

Thuirt e gun robh an SFRS toilichte an cothrom a bhith aca pàirt a ghabhail san àrd-choinneimh.