Dithis a-mhàin a sheinneas an co-fharpais Bonn Òr nam fear

Suaicheantas Mòd Loch Abar 2025
  • Air fhoillseachadh

Tha e coltach nach bi ach dithis fhear a' farpais airson Bonn Òr a' Chomuinn Ghàidhealaich am-bliadhna aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Loch Abar.

Bha briseadh-dùil ann mar-thà leis gur e triùir a-mhàin a chuir a-steach airson na co-fharpais, ach tha fear dhiubh air tarraing às.

Chleachd mòran a bharrachd cur a-seach airson na farpais seo agus 's àbhaist do cheathrar faighinn troimhe chun na cuairt deireannaich.

Cha bhi ge-tà ach dithis uile gu leìr Diciadain ag amas air Bonn Òr a' Chomuinn do na fir an dèidh do Sheumas Stevenson à Drochaid an Aonachain tarraing a-mach.

Tha sin a' fàgail Jonathan Fairgrieve às an Rubha ann an Leòdhas agus Finlay John Morse à Obar Dheathain anns a' cho-fharpais

Tha cuideachd dithis air tarraing a-mach à farpais Bonn Òr an t-Seann Nòis Diardaoin - Mìcheal MacAoidh às na Stàitean Aonaichte, agus Hannah NicRath às a' Ghearasdan fhèin.

Fàgaidh sin seachdnar fhireannach agus seachdnar bhoireannach a-staigh airson an t-Seann Nòis.