Fàilte ùr dathteach do bhaile Steòrnabhaigh

Ìomhaigh den dealbh-balla ùr a tha air nochdadh ann an Steòrnabhagh, le Fàilte gu Steòrnabhagh sgrìobhte air agus dealbh de bhàta aig muir agus cuid de thogalaichean Steòrnabhaigh san dealbh cuideachd.
Fo-thiotal an deilbh,

Dealbh-balla ùr ann am baile Steòrnabhaigh

  • Air fhoillseachadh

Tha a' chiad shealladh a gheibh daoine air àite sam bith cudromach.

Ann am beachd Janet Paterson bhon bhuidhinn Crannchar nan Eilean Siar, 's e sealladh gu math truagh a bha luchd-tadhail is daoine eile a' faighinn aig Sràid na Slige sa bhaile.

"Bha a h-uile càil car glas is cha robh e idir tarraingeach," thuirt Janet ri BBC Naidheachdan.

Chan eil sin fìor tuilleadh is dealbh-balla ùr air fhoillseachadh gu h-oifigeil an t-seachdain seo mar phàirt de phròiseict Sgeulachd Steòrnabhaigh.

Le maoineachadh bho Chrannchar nan Eilean Siar (Western Isles Lifestyle Lottery), chaidh an dealbh-balla a chruthachadh leis an neach-ealain Albannach, Chris Rutterford.

Tha e ri fhaicinn taobh a-muigh bùth Tesco air a' bhalla a tha a' coimhead ris a' phort.

Tha tòrr ri fhaicinn le pìosan ainmeil à baile Steòrnabhaigh na lùib, leithid gleoc talla a' bhaile, Caisteal Leòdhais, am Muirneag SY486 agus spiric eaglais Martin's Memorial.

Dealbh de na toglaichean aithnichte a tha rim faicinn ann an Steòrnabhagh, air am peantadh san dealbh-balla san stiùidio mus deach a chur an-àirde sa bhaile. Tùs an deilbh, Chris Rutterford
Fo-thiotal an deilbh,

Tha toglaichean aithnichte Steòrnabhaigh a' nochdadh san dealbh-balla

Chan eil ann ach a' chiad cheum ann am phròiseact a tha air a ruith le Crannchar nan Eilean Siar gus sgeulachd Steòrnabhaigh innse tro dheilbh.

Tha iad am beachd an ath dhealbh-balla fhoillseachadh an ath-bhliadhna agus iad a' beachdachadh air fear nas motha le sùil air croitearachd.

Tha iad làn-dùil gum bi sgoilearan ionadail an sàs anns an ath dhealbh agus gun tèid dealbhan de dhaoine às an sgìre a chleachdadh.

Tha iad an-dràsta ag obair air làrach-lìn ùir airson Sgeulachd Steòrnabhaigh ann an compàirteachas le Hebridesign, far am bi cothrom aig daoine barrachd fhiosrachaidh fhaighinn mu na pìosan a chaidh a choimiseanadh mar-thà.

Tha iad an dòchas luchd-turais a thàladh chun an eilein 's fiù 's bathar co-cheangailte ris na dealbhan a reic.

Ìomhaigh den dealbh-bhalla san stiùidio de na bùird a tha ag ràdh 'Fàilte gu Steòrnabhagh' ann an sgrìobhadh gheal le dathan gorm sa chùlaibh. Tùs an deilbh, Chris Rutterford
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Crannchar nan Eilean Siar ag ràdh gu bheil e cudromach gu bheil a' Ghàidhlig mar phàirt den dealbh-balla

"'S e an t-amas a th' againn gum bi dealbhan-balla mìorbhaileach air feadh a' bhaile mar shlighe chultarach a' comharrachadh eachdraidh Steòrnabhaigh agus na bha de chiùird ann – ag t-iasgach, croitearachd agus mar sin," thuirt Janet Paterson.

Fiù 's aig an ìre thràth seo tha i den bheachd gu bheil am pròiseact air diofar a dhèanamh.

"Far a bheil sinn air tòiseachadh, shìos aig Sràid na Slige, bha a h-uile càil car glas agus cha robh e uabhasach tarraingeach. 'S e sin a' chiad rud a chì daoine nuair a thig iad far a' bhàta.

"Tha na daoine a tha a' fuireach an seo cleachdte gu leòr ris seach gu bheil e air a bhith mar seo fad bhliadhnaichean ach tha e truagh do luchd-turais a tha a' tighinn far an aiseig.

"A-nise tha e dathteach, tarraingeach agus abair diofar a tha e air a dhèanamh air a' phàirt ud den bhaile mar thà."

'S ann às dèidh còmhradh le Chris Rutterford sa Mhàrt an-uiridh a thòisich Crannchar nan Eilean Siar air plana a chruthachadh.

Janet Paterson bho Crannchar nan Eilean Siar agus Chris Rutterford, an neach-ealain a chruthaich an dealbh-balla - an dithis aca a' coimhead toilichte agus iad an teis-mheadhan agallaimh.
Fo-thiotal an deilbh,

Janet Paterson bho Crannchar nan Eilean Siar agus Chris Rutterford, an neach-ealain a chruthaich an dealbh-balla

Rinn Chris obair-ùrachaidh roimhe air dà dhealbh-balla a tha sa bhaile mar-thà a chaidh a chruthachadh sa chiad dol a-mach le Ian Brady.

Chaidh milleadh a dhèanamh orra thar nam bliadhnaichean leis an aimsir agus ùine.

Chaidh an dà dhealbh-balla ud fhoillseachadh às ùr sa Ghiblean.

Bha Chris air a dhòigh a bhith an sàs sa phròiseact ùr.

Is tha e an dùil is an dòchas an tuilleadh co-obrachaidh a dhèanamh le muinntir Steòrnabhaigh.

"Tha sinn airson 's gum bi faireachdainn car seunta mun àite, 's e àite seunta a th' ann, agus 's e sin a tha sinn a' feuchainn ri choileanadh," thuirt Chris.

"Tha mise nam eòlaiche ann a bhith a' cruthachadh dhealbhan-balla co-cheangailte ri dualchas ach bidh mi cuideachd a' toirt cothrom don choimhearsnachd.

"Thig an là nuair a bhios cothrom aig daoine pàirt a ghabhail agus an làmhan fhèin a chur ris.

"Feumaidh iad cothrom fhaighinn an sgeulachd fhèin innse."

Tuilleadh air an sgeulachd seo