Seirbheis aiseig Ùige air ais
- Air fhoillseachadh

Chuir CalMac an MV Isle of Mull air slighe Ùige gus an càrar an Hebrides.
Tha seirbheis aiseig a' seòladh a-rithist eadar Ùige, an Tairbeart agus Loch nam Madadh.
Ach, leis an MV Hebrides fhathast ga càradh, tha seo air Muile fhàgail às aonais a' phrìomh bhàt-aiseig acasan.
Tha CalMac air an MV Isle of Mull a ghluasad chun na slighe, a' ciallachadh gum feum an MV Coir' Uisg' agus an Loch Frisa an t-seirbheis edar Muile is an t-Òban a dhèanamh fhad 's a tha i air falbh.
Dh'fhàg sin Muile le seirbheis aiseig gu math nas lugha na 'n àbhaist aig àirde seusan na turasachd.
Dh'iarr CalMac air bhanaichean-campachaidh a dhol eadar Loch Àlainn agus Fisinis, agus dh'iarr iad air daoine gun siubhal a Mhuile dìreach airson an là eadar seo agus Disathairne.
Thuirt CalMac gun robh iad duilich mun t-suidheachadh, agus gun robh iad an dùil gun till gnothaichean dhan àbhaist Didòmhnaich.
Thuirt Comataidh Aiseagan Mhuile agus Ì gun robh na thachair a' seallteainn "dìth ro-innleachd" aig an Riaghaltas agus aig na buidhnean aca, 's gun dèanadh e cron mòr air gnothachasan ann am Muile, gu sònraichte air gnothachasan turasachd.
Thuirt iad gun robh e "a' cur eilean an aghaidh eilein" 's iad a' cur na ceist an i an MV Isle of Mull a-niste an "soitheach a bharrachd" a tha san lìonra.
Chuir iad cuideam air an Riaghaltas coimhead a-rithist ris a' chatamaran am Pentalina a ghabhail air màl no a cheannach mar fhuasgladh dhan trioblaid.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh4 An Lùnastal 2022