Taigh-Cèilidh Steòrnabhaigh ro dheireadh na bliadhna
- Air fhoillseachadh

Teàrlach Wilson le iuchair an togalaich.
Tha dùil gum fosgail Taigh-Cèilidh Gàidhlig ann an Steòrnabhagh ro dheireadh na bliadhna is an leasachadh air cead-dealbhachaidh fhaighinn.
Thèid seann bhùth air Sràid na h-Eaglaise a chur air dòigh mar chafaidh, bùth-leabhraichean agus àite-cruinneachaidh.
Thug Comhairle nan Eilean Siar seachad cead airson an leasachaidh agus airson dath an togalaich atharrachadh.
Chaidh cead a thoirt seachad cuideachd airson uairean fosglaidh eadar 09:00m is 7:00f, ach a-mhàin ma thèid uairean eile aontachadh leis a' Chomhairle.
Cheannaich an fheadhainn a tha air cùl na pròiseict an togalach nas tràithe air an t-Samhradh is tha e air a bhith fosgailte anns na seachdainnean mu dheireadh mar-thà mar 'pop-up' taigh-cèilidh.
Tha dùil a-nise gun tèid an obair-leasachaidh a dhèanamh anns na mìosan ri tighinn is gum fosgail an taigh-cèilidh ron Nollaig.
Dualchas
Dh'innis Teàrlach Wilson, a tha os cionn na h-iomairt, gu bheil iad airson àite a chruthachadh far am faigh a' Ghàidhlig prìomhachas is far am faigh daoine cothrom an cànan a bhruidhinn ann an suidheachadh neo-fhoirmeil.
Thuirt e gum bi tachartasan aca gach là le rudan mar chearcallan còmhraidh do dhaoine aig diofar ìrean, clubaichean leughaidh, taisbeanaidhean, is ciurmean-ciùil.
"Tha mi den bheachd gu bheil e gum math cudromach airson Steòrnabhaigh agus airson an eilein air fad cuideachd - 's dòcha airson a' chànain air fad", thuirt Mgr Wilson.
"Tha e cudromach gu bheil luchd na Gàidhlig a' faireachdainn gu bheil àite sònraichte ann airson a' chànain agus a' chultair, tha sin gu math cudromach, gu bheil sinn a' coimhead às dèidh an dualchais a th' againn ann an Leòdhas", thuirt e.
Chaidh airgead a thogail mar-thà bho luchd-taic, ach dh'innis Mgr Wilson gu bheil iad a-nise a' bruidhinn ri Riaghaltas na h-Alba cuideachd a thaobh taic-airgid airson iomairtean-sòisealta.