Cabhag ga iarraidh le obair an A9
- Air fhoillseachadh
![A9](https://ichef.bbci.co.uk/ace/standard/976/cpsprodpb/17F1/production/_97492160_aninetwo.jpg)
Earrann ùr dà-fhillte dhan A9 air a' Ghàidhealtachd, ach chan eil an leasachadh eadar Peairt is Inbhir Nis a' dol air adhart luath gu leòr a rèir Rhoda Ghrannd.
Tha ball-pàrlamaid Gàidhealach ann am Pàrlamaid na h-Alba ag iarraidh coinneimh le Ministear na Còmhdhail san aithghearrachd mu leasachadh an A9.
Tha Rhoda Ghrannd, bhon Phàrtaidh Làbarach, ag ràdh gu bheil e soilleir nach tèid an rathad a dhèanamh dà-fhillte eadar Peairt is Inbhir Nis ro 2025, mar a bha an riaghaltas air gealltainn.
Tha Rhoda Ghrannd ag ràdh gu bheil draghan mòra ann às dèidh thubaistean air an A9 as t-samhradh, is i a' togail gu sònraichte air tubaist aig an t-Sloc nuair a chaidh triùir a mharbhadh.
Cabhag ga iarraidh
Thuirt i gum feum an rathad gu lèir eadar Peairt is Inbhir Nis a bhith air a dhèanamh dà-fhillte cho luath 's a ghabhas.
A thuilleadh air sàbhailteachd, thog i air cho cudromach 's a tha dha eaconomaidh a' chinn a tuath gum bi an rathad aig ìre.
Clàr-ama
Dh'innis am ball-pàrlamaid gun do dh'iarr i dearbhadh air a' chlàr-ama 'son leasachadh an rathaid as t-samhradh, ach nach d' fhuair i freagairtean mionaideach.
Tha i a-nise a' sireadh coinneimh le Ministear na Còmhdhail, Jenny Gilruth, san aithghearrachd.
Tha am BBC air beachd iarraidh bho Chòmhdhail Alba is tha sinn a' feitheamh ri freagairt bhuapa.