Cainb air a lorg sa Ghearasdan an dèidh iomairt phoilis

- Air fhoillseachadh
Fhuair na poilis cainb, airgead agus uidheamachd a dh'fheumar airson reic dhrugaichean ann an taigh sa Ghearasdan.
Rinn oifigearan rannsachadh agus cù nan cois ann an togalach ann an sgìre Plantation feasgar Diciadain.
Lorg iad cainb sa bheil luach de mu £3,500 cho math ri uidheamachd dhrugaichean.
Fhuair iad cuideachd còrr is £3,000.
Thuirt Poileas Alba gu bheil an sgrùdadh a' leantainn.