Dithis ag aideachadh murt an Inbhir Nis

Chaidh Ross MacIlleBhrath a mhurt ann an Inbhir Nis san t-Samhain 2024
- Air fhoillseachadh
Dh' aidich dithis fhireannach Diciadain gun do mhurt iad fireannach eile ann an ionnsaigh ann an Inbhir Nis.
Mharbh Craig Hayden, 30, agus Leon Headey, 33, Ross MacIlleBhrath ann an taigh air St Ninian Drive anns a' bhaile air an 11mh den t-Samhain an-uiridh.
Chaidh Mgr MacIlleBhrath, a bha 36, a phronnadh, a bhreabadh agus chaidh stampadh air tron ionnsaigh.
Bha dùil gun deigheadh cùis-lagha a chumail aig an Àrd-Chùirt ann an Glaschu ach dh' aidich an dithis an ciont.
Bha Samantha Jane NicIlleBhrath, a bha dealaichte bho Mhgr MacIlleBhrath, cuideachd fo chasaid murt.
Ach, chaidh gabhail ri tagradh nach robh i ciontach.
Dh' aidich i gun robh i air feuchainn ri bacadh a chur air ceartas co-chenagailte ri rudan a thachair an dèidh a mhurt.
Bha dithis eile a' nochdadh sa chùirt còmhla riutha.
Cha robh casaidean mùrt air beulaibh Lee Fraser, 34, no Thomas Hooson, 29.
Ach dh' aidich iadsan ciont ann an cùis ionnsaigh air fireannach ann an Alanais air a' Ghàidhealtachd air a' 25mh den Dàmhair 2023.
Dh' aidich Headey gun robh esan air a bhith an sàs san ionnsaigh sin cuideachd.
Thèid aithisgean a bharrachd ullachadh don chùirt agus chaidh an còignear a chumail an greim.