Taic Freumhan Coimhearsnachd fosgailte do dhaoine fa leth

Taobh a' Chaolais, Uibhist a Deas
  • Air fhoillseachadh

Airson a' chiad uair, faodaidh daoine fa leth tagradh a dhèanamh airson sgeama Taic Freumhan Coimhearsnachd Bhòrd na Gàidhlig.

Tha an sgeama fosgailte airson tagraidhean do phròiseactan Gàidhlig ann an coimhearsnachdan air feadh Alba a thèid a lìbhrigeadh eadar 2026 agus 2028.

Tha maoineachadh suas ri dà bhliadhna ri fhaotainn agus am bliadhna, airson a' chiad uair, tha an sgeama fosgailte do dhaoine fa leth tagradh a chur a-steach a thuilleadh air buidhnean coimhearsnachd.

Tha suas ri £10,000 (£5,000 gach bliadhna) ann do phròiseactan a tha a' brosnachadh agus a' toirt taic do na leanas:

  • Tachartasan Gàidhlig sa choimhearsnachd is air-loidhne

  • Pròiseactan is cothroman a tha a' brosnachadh dhaoine òga gu bhith a' cleachdadh na Gàidhlig còmhla taobh a-muigh na sgoile

  • Pròiseactan a tha a' cumail taic ri bhith a' cleachdadh na Gàidhlig am measg theaghlaichean is eadar ginealaichean

  • Ionnsachadh Gàidhlig do dh'Inbhich sa choimhearsnachd

  • Colmcille - a' togail cheanglaichean eadar luchd-labhairt na Gàidhlig agus Gàidhlig na h-Èireann

Thuirt Bòrd na Gàidhlig gu bheil iad a' sùileachadh gum faigh iad àireamhan àrda de thagraidhean aig àrd ìre. Tha dùil gun cosg iad £100,000 gach bliadhna air an sgeama (tha sin a' crochadh air buidseat 2026/27 Bhòrd na Gàidhlig).

BNG

Thuirt Steven Kellow, Manaidsear Maoineachaidh is Phròiseactan a' Bhùird, gur e prìomh amas an sgeama taic a chumail ris a' chànan sna coimhearsnachdan.

Thuirt Mgr Kellow gun robh iad airson 's gum biodh cothrom nas fharsainge ann do dhaoine iad fhèin rudan a chur air dòigh 's na coimhearsnachdan aca. Ron seo, dh' fheumadh leithid comataidh, cunntas-banca is mar sin air adhart a bhith aig buidhnean a chuireadh a-steach airson taic-airgid.

Thuirt e gun robh iad gu mòr a' coimhead air adhart ri tagraidhean na bliadhna-sa fhaighinn a-steach.

Tha an sgeama fosgailte airson tagraidhean gu Diciadain 10mh den Dùbhlachd 2025.

Gheibhear an tuilleadh fiosrachaidh mun sgeama an seo, taobh a-muigh.