Coltas taobhach air cùmhnant MhicFhearghais

  • Air fhoillseachadh
Glen SannoxTùs an deilbh, PA Media

Tha pàipearan a fhuair am BBC ag ràdh gur dòcha gun robh am pròiseas airson cùmhnant luach £97m airson dà bhàt'-aiseig a thoirt do Ghàrradh MhicFhearghais taobhach.

Tha na pàipearan a chaidh fhaighinn leis a' phrògram Disclosure aig BBC Scotland a' nochdadh gun d' fhuair an gàrradh làimhseachadh fàbharach bho CMAL sa phròiseas tairgse.

Tha CMAL, buidheann le Riaghaltas na h-Alba, a' dìon na thachair.

Tha eileanaich fhathast a' feitheamh airson an dà shoitheach, a bhios co-dhiù còig bliadhna air dheireadh is aig mu £250m, còrr air a dhà uimhir nas daoire na bha còir aca a bhith.

Chaidh an cùmhnant airson an dà aiseag a thogail do ChalMac bhuaithe le trod eadar Gàrradh MhicFhearghais is CMAL, agus mu dheireadh thall, chaidh an gàrradh a chur fo shealbh na stàite.

A-nis, tha pàipearan a fhuair am BBC a' deàrrsadh solais às ùr air mar a thug CMAL an cùmhnant do Ghàrradh MhicFhearghais anns a' chiad dhol a-mach.

Tha sreath de rudan neo-àbhaisteach anns na pàipearan a dh'fhaodadh sealltainn gun robh am pròiseas taobhach.

Tha Disclosure a' tarraing aire chun na leanas:

  • Dh'fhaodadh gun do bhris CMAL na riaghailtean aca fhèin nuair a leig iad le Gàrradh MhicFhearghais leantainn orra leis an tairgse ged nach b' urrainn dhaibh barantas dìolaidh togail a thoirt seachad, rud a tha riatanach airson sàbhailteachd ionmhais.

  • Fhuair Gàrradh MhicFhearghais aithisg 424 duilleagan bho neach-comhairleachaidh dealbhachaidh mu iarrtasan teicnigeach ChalMac nuair gur e aithisg 125 duilleagan a chaidh gu luchd-tairgse eile. Chaidh pàirt glè chudromach dhan tairgse aca an ìre mhath a thogail bhon aithisg fhada.

  • Chaidh leigeil le Gàrradh MhicFhearghais am planaichean atharrachadh glè mhòr leathach slighe tron tairgse - is lean iad orra le beachd ris na chur iad cùl anns a' chiad dreachd aca.

  • Leig an t-atharrachadh seo leotha faisg air £10m a thoirt far na prìse, a' dèanamh na tairgse nas tarraingiche.

  • Chùm luchd-measaidh CMAL coinneamh "dhìomhair" le Gàrradh MhicFheaghais, rud nach d' fhuair buidhnean eile.

Thuirt Leas-Phrìomh-Mhinistear na h-Alba Iain Swinney gu bheil seo a' dèanamh dragh dha, agus gheall e tuilleadh rannsachaidh a dhèanamh.

Thuirt CMAL fhèin gun deach sgrùdadh a dheanamh mar-thà, agus nach deach càil ceàrr fhaighinn mun phròiseas.